Naoidhnear an cuairt dheireannach an t-Seann Nòis

  • 20 An Dàmhair 2016
Suaicheantas a' Chomuinn Ghaidhealaich

Fhuair sianar bhoireannach agus triùir fhireannach troimhe gu cuairt dheireannach Bonn Òr an t-Seann Nòis aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

Ann am farpais nam ban 's i Claire NicAmhlaigh a bha sa phrìomh àite sa chuairt dhearbhaidh, le Saffron Hanvidge agus Emma NicLeòid san dàrna aite.

Bha triùir san treas àite; Màiri Bauld, Emma NicLaomainn agus Iseabail Nic'IlleBhàin.

Cha robh ach triùir fhireannach ann an cuairt dhearbhaidh nam fear.

Tha Torcuil MacLeòid, Dòmhnall Iain MacRath agus Eòghan Stiùbhart uile a' dol troimhe chun na cuairte deireannaich oidhche Dhiardaoin.