Dreuchd ùr do MhacNèill

  • 20 An Dàmhair 2016
Aonghas Brianan MacNèill

Chaidh BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, ainmeachadh mar chathraiche Chomataidh ùir na Malairt Eadar-Nàiseanta aig Westminster.

Chaidh a thaghadh chun na dreuchd gun duine a' seasamh na aghaidh, agus e air an aon duine a chuir an SNP air adhart air a son.

Bha Mgr MacNèil roimhe na Chathraiche air Comataidh a' Chumhachd 's Atharrachadh na Sìde, a chaidh a chur ma sgaoil na bu thràithe den mhìos an dèidh don Phrìomhaire ùr, Theresa May, co-dhùnadh cur às do Roinn a' Chumhachd 's Atharrachadh na Sìde.

Tha dùil gum bi pàirt mhòr aig Comataidh na Malairt Eadar-Nàiseanta ann a bhith a' sgrùdadh na thachras an dèidh don Rìoghacdh Aonaichte an t-Aonadh Eòrpach fhàgail.