Còrr is 300 seòladh dheth

  • 20 An Dàmhair 2016
MV Coir' Uisg'
Image caption Chaidh an MV Coir' Uisg', a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothaich airson slighe Armadail, a chur a Mhuile as t-Samhradh.

Thàinig àrdachadh a shia uimhir cha mhòr air an àireimh de sheirbheisean-aiseig a chaidh a chur dheth eadar Malaig agus Aramdail an coimeas ris an-uiridh.

Fhuair Comhairle Choimhearsnachd Shlèite am fiosrachadh bho Chaledonian Mac a' Bhriuthainn a sheall gun deach còrr is 300 seirbheis a chur dheth am-bliadhna an coimeas ri beagan 's 60 an-uiridh.

Bha ge-tà, barrachd sheòlaidhean air an t-seirbheis am-bliadhna eadar an dà phort.

"Cha robh sinn a' smaoineachadh gun robh e cho dona idir," thuirt fear-cathrach Comhairle Choimhearsnachd Shlèite, Ruairidh Moireach.

"Bha sinn a' toirt rabhaidh dhan Riaghaltas gun robh seo a' dol a thachairt, ach cha do thuig sinn a-riamh gum biodh e cho dona 's a bha e.

"Ach cha do thuig sinn a-riamh gum biodh e cho dona 's a bha e.

"'S e cùis-nàire a tha seo dha Riaghaltas na h-Alba, bhon 's e ministear an Riaghaltais, Derek MacAoidh, 's e a rinn an co-dhùnadh an aiseag a bh' againn ann an seo bho chionn 12 bhliadhna a thoirt air falbh, sin an Coir' Uisg', a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothaich airson na slighe sin eadar Malaig is Armadal, agus chaidh a cur a Mhuile air an t-Samhradh.

"Bha sinne ag innse dhaibh gur e co-dhùnadh ceàrr a bha sin, agus gun robh e a' dol a thoirt fìor-dhroch bhuaidh oirnn anns an sgìre seo.

"Cha do dh'èist iad rinn, agus tha sinn a' faicinn a-nise buil na cùise, gu bheil an sgìre seo, chan e a-mhàin an t-Eilean Sgitheanach ach Loch Abar cuideachd, a' fulang gu mòr ri linn a' cho-dhùnaidh a bha sin.

"Tha na h-àireamhan seo a' cur cuideam air an Riaghaltas gu cinnteach, ach 's e rud, an èist iad?" thuirt e.