Boireannach a dhealbhaich badain fhuadan air bàsachadh

  • 19 An Dàmhair 2016
Badan
Image caption Chaidh a' chiad bhadan fuadain a dhealbhachadh anns na 50an

Tha boireannach às a' Mhanachainn a dhealbhaich am badan fuadain, agus a dh'atharraich beatha nam milleanan, air bàsachadh.

Bha Valerie Hunter-Gordon 94 agus chuir i seachad a' mhòr-chuid de a beatha sa Mhanachainn.

'S ann às dèidh an darna cogaidh bha an treasamh pàisde aig Valerie Hunter Gordon agus bha e a' cur cais oirre a bhith a' nighe agus a' tioramachadh bhadan aodaich 's rinn i suas a h-inntinn gun cruthachadh i fear fuadan.

Parachute

'S e nylon bho pharachutes a chleachd i an toiseach son an t-aodach a dhèanamh dìonach, agus an uairsin ghluais i gu PVC, le pios aodaich na bhroinn a dh'fhaodadh tu ceathamh air falbh.

Anns a' chiad dol a-mach, 's ann airson a teaghlaich fhèin agus a caraidean a bha i gan dèanamh, ach ann an 1949 chaidh peutant a chur air a' bhadan aice fon ainm Paddis.

Ghluais i dhan Ghàidhealtachd anns na 50an agus 's ann a sin a chuir i seachad a' mhòr-chuid de a beatha.

Ged a chaidh Pampers a chruthachadh anns na 60an, agus gabh iad thairis bho Paddis, bidh mòran phàrantan a' toirt taing do Valerie airson cùisean a dhèanamh nas fhasa dhaibh fhèin agus an cuid chloinne.