Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An Dàmhair 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cosnaidhean

Thuit àireamh nan daoine a tha gun chosnadh an Alba ged a dh'èirich am figear air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Tha na figearan oifigeil a chaidh fhoillseachadh an-diugh ag ràdh gun robh 25,000 na bu lugha gun obair an Alba eadar an t-Ògmhios agus an Lùnastal, a' toirt na h-àireimh gu lèir a tha gun chosnadh gu 127,000. Bha an àireamh air feadh Bhreatainn suas mu 10,000 gu 1.66 millean.

Europol

Thuirt a' bhuidheann phoilis Eòrpach, Europol, gun deach còrr 's 300 duine a chur an grèim agus còrr 's 500 duine a bh' air an cùiltearachd aithneachadh mar phàirt de dh'iomairt eadar-nàiseanta a mhair seachdain. Tha a' bhuidheann cuideachd air foillseachadh gun deach cha mhòr 2.5 thunna de chocaine a chur an grèim le oifigich a bha ag amas air eucoir eagraichte anns an Roinn Eòrpa agus thall thairis.

Mosul

Thuirt buidheann nam fògarrach aig na Dùthchannan Aonaichte gu bheil mìltean dhaoine a' teicheach bhon t-sabaid ann am baile Mosul, an t-àite mu dheireadh air a bheil smachd aig an Stàit Ioslamaich ann an Iorac. Tha an UN ag ràdh gun do rinn 900 duine dhiubh an slighe mar-thà gu Siria. Agus tha na Stàitean Aonaichte a' fàgail air an Stàit Ioslamaich gu bheil iad a' cleachdadh shìobhaltach airson dìon a chur orra fhèin anns a' bhlàr airson Mosul.

Còirichean Dhaoine

Iarraidh an SNP, aig deasbad ann an Taigh nan Cumantan an-diugh, dìon air còirichean dhaoine à dùthchannan eile an Aonaidh Eòrpaich a tha a' fuireach ann am Breatainn, aon uair 's gum fàg Breatainn an EU. Agus tha an SNP ag ràdh gum feum Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte pàirt den choire a ghabhail airson àrdachadh ann an gràin-chinnidh agus creideimh an dèidh referendum an EU. Thuirt Oifis na Dùthcha gu bheil iad airson dìon a chur air daoine bhon EU a tha ann am Breatainn mar-thà, agus nach eil adhbhar sam bith ann nach tachair sin ma bheir dùthchannan eile an EU an aon spèis do Bhreatannaich.

A' Bhruiseal

Bidh dithis de mhinistearan Riaghaltas na h-Alba anns a' Bhruiseil an-diugh airson coinneimh mu àite na h-Alba anns an Aonadh Eòrpach an dèidh Brexit. Bidh Fiona Hyslop agus Mìcheal Russell, am ministear ùr airson nan còmhraidhean mu àite na h-Alba anns an EU, a' coinneachadh ri buill ann am Pàrlamaid na h-Eòrpa. Thuirt Mgr Russell gu bheil e a' feuchainn ri aonta a bhiodh dona do dh'Alba a sheachnadh.

Croitearachd

Dh'iarr Cathraiche Comataidh Chroitearachd Chomhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, air croitearan an ainm a chur air adhart airson dreuchd mar choimiseanair croitearachd. Tha an Coimisean a' cumail choinneamhan aig deireadh na mìos airson coimiseanairean ùra fhastadh agus thuirt Mgr Robasdan gur e seo an t-àm agus an cothrom an dèidh na connspaid mun Choimisean.