Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An Dàmhair 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Atmhorachd

Dh'èirich ìre na h-atmhorachd, a rèir clàr an CPI, gu 1% anns an t-Samhain bho 0.6% anns an Lùnastal. Sin an ìre as àirde ann am faisg air dà bhliadhna agus tha e nas motha na bha eòlaichean an ionmhais an dùil. Thuirt Oifis nan Staitistig Nàiseanta nach eil dearbhadh cinnteach ann gur e buaidh Brexit as coireach gun deach prìsean suas, ged a tha luach an not air tuiteam.

Mosul

Thuirt oifigich anns na Stàitean Aonaichte gu bheil am blàr an aghaidh feachdan na Stàit Ioslamaich ann am baile Mosul ann an Iorac nas fhaide air adhart na bhiodh dùil. Thuirt feachdan Ioracach agus Curdach gun do ghabh iad smachd an-dè air còrr 's fichead baile beag faisg air Mosul. Tha dragh air buidhnean cobhair ge-tà gun toir an iomairt ùine mhòr agus gum bi èiginn air an t-sluagh a tha glacte sa bhaile.

Aleppo

Thuirt Ministear Dìon na Ruis gun do chuir itealain-chogaidh Ruiseanach agus Sirianach stad airson ùine air an ionnsaigh air baile Aleppo ann an Siria. Thuirt Mosgo gum bi fois ann airson ùine gus am faigh cobhair dhan t-sluagh a tha glacte anns na sgìrean den bhaile a tha fo smachd nan reubaltach.

Casaid Èigneachaidh

Tha Poilis a' rannsachadh casaid gun deach èigneachadh a dhèanamh aig Taighean na Pàrlamaid ann an Lunnainn tràth sa mhadainn Dihaoine sa chaidh. Thuirt Poilis a' Mhetropolitan gun deach fear a tha ag obair do bhall Tòraidh a chur an grèim agus a leigeil ma sgaoil air urras.

UKIP

Thuirt am ball Albannach aig UKIP ann am Pàrlamaid na h-Eòrpa, Dàibhidh Coburn, gum beachdaicheadh e air seasamh airson ceannas na buidhne nan dreigheadh faighneachd dheth. Thuirt Mgr Coburn gur e fèin-shaorsa a thug UKIP dham ballrachd bho chionn ghoirid as coireach gu bheil sgaradh anns a' phàrtaidh agus thuirt e gum feum na buill barrachd smachd a chumail orra fhèin.

Am Prionnsa Teàrlach

Tha Tighearna nan Eilean a' tadhal air a' Mhòd Nàiseanta sa mhadainn an-diugh. Tha am Prionnsa Teàrlach gu bhith a' coimhead cuid de na farpaisean cloinne ann an Steòrnabhagh agus bruidhnidh e ri farpaisich agus ri luchd-stiùiridh a' Mhòid. Thèid e an uair sin tràth feasgar dha na Hearadh far an dèan e fosgladh oifigeil air Taigh-Staile na Hearadh air an Tairbeart.