Comhairle nan Eilean a' cur fàilte air iarratas son UNESCO

  • 17 An Dàmhair 2016
Taobh a' Chaolais
Image caption Iarratas son inbhe shòmhraichte UNESCO a bhith aig na h-Eileanan an Iar.

Bu chòir inbhe shònraichte UNESCO (United Nations Educational, Scientific and Cultural Organization) a bhith aig na h-Eileanan Siar mar phàirt den t-strì son a' Ghàidhlig a ghlèidheadh.

Sin beachd chinn-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Iain MacLeòid, a thug iomradh air seinn san t-seann nòs mar thradaisean a tha airidh air aithne eadar-nàiseanta.

Bha e a' bruidhinn aig cuirm fhosglaidh Mòd Nàiseanta na bliadhna-sa ann an Steòrnabhagh agus chuir Comhairle nan Eilean Siar fàilte air na briathran aige.

Inbhe

Dh'innis Mgr MacLeòid dhan luchd-èisteachd gu bheil cha mhòr 400 tradaisean cultarail air inbhe UNESCO fhaighinn bho 2008, agus gu ruige seo, chan eil gin air a bhith ann bhon Rìoghachd Aonaichte.

"Tha mi air an iarratas son inbhe UNESCO a thoirt dhan Ghàidhlig agus cultar nan Eilean Siar mar tha, ach tha mi ag amas gu h-àraidh air seinn san t-seann nòs."

"Tha mise a' creidsinn gu bheil an seann nòs againne an Alba, agus gu sònraichte anns na h-Eileanan an Iar, airidh air an urram a tha tradaiseanan cultarail eile a' faighinn."

Taic bhon chomhairle

Thuirt Fear Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gun robh sian sam bith mar seo a tha dol a bhrosnachadh a' chànain agus a glèidheadh, na thlachd dhaibh.

"Tha inbhe UNESCO mar tha aig Tursaichean Chalanis mar àite tadhail, agus tha Inbhe Ghlèidhteachais na Cruinne aig Hiort airson cultar agus àrainneachd.

"Nam faigheadh a' Ghàidhlig an t-seòrsa inbhe seo, bhiodh e fàgail cultair Innse Gall aig an aon ìre ri cultairean tradaiseanta air feadh an t-saoghail.

"Tha a' chomhairle air a bhith a' cur taic ris a' Ghàidhlig agus leanaidh sin anns an ùine air thoiseach oirnn, agus bidh sinn a' cur taic ri iomairt a' Chomuinn Ghàidhealaich ann a bhith faighinn inbhe UNESCO dhan Ghàidhlig agus an dualachas tradaiseanta.

Cothachadh

'S i Cathraiche MG Alba, Magaidh Choineagan, a thug seachad a' phrìomh òraid aig a' chuirm fhosglaidh agus 's e barrachd taic do craoladh sa Ghàidhlig a bh' aig cridhe na teachdaireachd aicese son an cànan a neartachadh.

"Mar a tha fhios agaibh ùile tha mi cinnteach, tha sinne ann an MG Alba air a bhith dèanamh tòrr cothachaidh ris a BhBC airson tuilleadh ghoireasan airson phrògraman ùra air BBC Alba.

"Ann sna h-ochd bliadhna bho thòisich an seanal, tha e follaiseach gu bheil sinn air na chaidh a chuir romhainn a cho-lionadh agus air prògraman tlachdmhòr tarraingeach a dhèanamh.

"Tha sinn air taic fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba is bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, is bho gach pàrtaidh poileataigeach , is bho mhòran a tha seo a-nochd anns an iomairt sin.

Saothair

"Is mar a tha mise air fhoghlam, tha taic ri fhaighinn ma thèid sinn ga iarraidh, ged nach eil sinn air na tha sinn ag iarraidh fhaighinn fhathast, tha mi an dùil gu bheil sinn air tuigse a thogail am measg luchd-poileataigs is lucid-stiùiridh a BhBC airson tuilleadh leasachaidh.

"'S e fìrinn na cùise ge-tà, gu bheil seo uile a tort ùine is saothair ach tha e cho cudromach gu bheil sinn am muigh am measg dhaoine aig a bheil cumhachd a' sgaoileadh soisgeal mu chudthromas na Gàidhlig, mu luach dhan dùthaich is gu sònraichte ar còirichean mar Ghàidheil ar cànan a dhìon is a' leasachadh.

"Ged a tha fhios againn gu bheil na còirichean sin againn, bhiodh mo mhàthair riamh ag ràdh, "chan eil a' chòir ach mar a chumar i, is oirnne tha an t-uallach tuigse is spèis na cànain a thogail, chan ann a-mhàin nar measg fhèin ach anns an fhàsaich mhòr far a bheil an t-aineolas.

"Tha e truagh nuair a chluinneas sinn comhairlichean ann am baile mòr Obar Dheathain ag ràdh nach bu chòir sgillinn a chosg air a Ghàidhlig, is fiù 's ainm a' bhaile fhèin air tighinn bhon chànan againne.

"Cha mhòr nach eil e ro fhadalach nuair a tha an càineadh air tòiseachadh, feumaidh an t-oideachadh is an tàladh tachairt fada roimhe sin".