Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An Dàmhair 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha am Pàrtaidh Làbarach a' fàgail air an Riaghaltas nach eil plana aca airson an t-Aonadh Eòrpach fhàgail, trì mìosan an dèidh an referendum air a' chuspair. Thuirt an Rùnaire Cèin dùbhlanach, Emily Thornberry, gun robh ministearan a' dol a dhèanamh cho-dhùnaidhean gu math cudromach às leth na Rìoghachd Aonaichte 's mar sin gum bu chòir coimhead air na co-dhùnaidhean sin gu cùramach. Bidh Buill-Phàrlamaid a' deasbad gluasad air Brexit anns na Cumantan feasgar. Tha an Riaghaltas ag ràdh nach dèan iadsan càil a chuireas an seasamh aca ann an cunnart.

Clàr-ola

Tha an soitheach a ghluaiseas an clàr-ola an Transocean Winner dhan Tuirc fhathast a' feitheamh cead oifigeil bho na h-ùghdarrasan Tuirceach mus tòisich a' bhòidse bhon Loch a Tuath dhan Mhuir Mheadhan-Thìrich. Tha dùil gun toir fear-sgrùdaidh mara cead seachad an ceann grunn uairean de thìde gu bheil an clàr tèarainte air bòrd an Hawk. Fuirichidh am bàta-gluasaid air acaire gus an toir riochdaire Rùnaire na Stàite cead seachad dha falbh. Chaidh innse gu bheil Transocean air £120,000 a thoirt seachad dhan choimhearsnachd. Thèid an t-airgead a roinn eadar sgìre Chàrlabhaigh 's Dhail Mòr, far an tàinig an clàr air tìr, agus leasachadh spòrs anns an eilean.

Siria

Tha buidheann de reubaltaich ann an Siria air campa a chur air dòigh ann an sgìre Idlib anns a bheil na dusain dhaoine a th' air teicheadh bho bhith nam buill den bhuidhinn cheannairc IS. Thuirt comanndair dha na reubaltaich gun deadh na prìosanaich fheuchainn ann an cùirt Sharia.

Am Pàpa

Tha am Pàpa air iarraidh gun tèid fois-fòirneirt a chur an sàs ann an Siria anns a' bhad gus am faigh sìobhaltaich, gu h-àraid clann, cothrom faighinn air falbh bhon uabhas agus an t-sabaid. Tha an Ruis air ionnsaighean adhair às ùr a thòiseachadh air Aleppo. Chaidh aithris gun deach 25 duine a mharbhadh anns a' bhaile sin an-dè.

Samsung

Tha a' chompanaidh Samsung air na tha iad an dùil de phrothaid a dhèanamh anns an treas chairteal den bhliadhna a ghearradh còrr air 30%. Tha iad a-nis a' sùileachadh gun coisinn iad $4.6bn anns na trì mìosan gu deireadh na Sultaine. Ron seo, bha iad a' tomhas gun dèanadh iad $6.9bn. Tha seo a' tighinn an dèidh dhaibh co-dhùnadh sgur de dhèanamh a' fòn-làimhe Note 7. Bha iomagain ann mu na bataraidhean agus iad a' dol nan teine.