Bliadhna ri dhol sa Chill Bhig

  • 12 An Dàmhair 2016
Sabhal Mòr Ostaig Image copyright John Allan/Geograph

Tha dòchas ann gum bi na ciad taighean aig Baile na Cille Bige ann an Slèite air an togail agus daoine a' fuireach annta ro thoiseach an Fhoghair an ath-bhliadhna.

Tòisichidh an obair togail air dà thaigh ùr - air oighreachd cholaiste Shabhal Mòr Ostaig ro dheireadh na bliadhna seo.

"Mar a tha mi a' tuigsinn bidh an obair-togail a' tòiseachadh eadar seo is deireadh na bliadhna, agus bidh an uair sin suas ri seachd mìosan," thuirt Ceannard Oighreachd is Sheirbheisean Sabhal Mòr Ostaig, Dòmhnall Angaidh MacIllFhinnein.

"So bhithinn an dòchas ro dheireadh an t-Samhraidh an ath-bhliadhna gum bi na taighean deiseil agus co-dhùnadh air a dhèanamh cò a tha gu bhith a' fuireach annta.

Gàidhlig

"'S dòcha toiseach an Fhoghair gum biodh na teaghlaichean ùra a' gluasad a-steach an uair sin.

"An ceann dhà no trì mhìosan às dèidh dhan obair-togail tòiseachadh bidh an t-Urras Taigheadais an lùib na colaiste agus Comhairle na Gàidhealtachd a' dol gu sanas.

"Bidh cothrom aig duine sam bith le buntanas le coimhearsnachd Shlèite ùidh a nochdadh anns a' chothrom, agus dha-rìribh mar cholaiste tha sinne air nochdadh taobh a-staigh lìonra nan oileanach agus an luchd-obrach againn fhèin gu bheil leithid de chothrom air a bhith ann.

"Tha fios mar thà air a dhol chun an Urrais Thaigheadais bho theaghlaichean 's bho dhaoine aig am biodh ùidh, agus bidh an uair sin iadsan a' cumail farpais.

"Ma bhios barrachd is dithis air a chur a-steach, tha siostaman gu math faiceallach acasan air measadh a dhèanamh air cò a gheibh an cothrom air na taighean mu dheireadh thall.

"Ach 's e taighean air màl a bhios an seo. Cha bhiodh cothrom aig na daoine a gheibh iad airson an ceannach bhon chiad dol a-mach, ach ann an ùine, taobh a-staigh deich bliadhna ma 's e 's gu bheil iad ag iarraidh a bhith a' pàigheadh màil, faodaidh iad a bhith ag obair leis an Urras Taigheadais agus an uair sin a bhith a' cur airgid an dàrna taobh ma 's e 's gu bheil iad ag iarraidh an ceannach air a' cheann thall," thuirt e.

Tha dùil gum bi a' Ghàidhlig aig na daoine a gheibh na taighean ùra.

"Gu cinnteach. Mar a tha mi a' cluinntinn tha duine no dithis bho thaobh a-staigh na colaiste air ùidh a nochdadh mar thà," thuirt Mgr MacIllFhinnein.

"Tha sin gu math brosnachail dhuinne mar cholaiste, agus bhithinn an dòchas aig deireadh cùise gur e feadhainn a bhios a' cur dòigh air choireigin ri obair na colaiste, no gu cinnteach feumaidh iad a bhith a' cur ri beatha na sgìre, oir 's e sin aon de na prìomh phuingean a bhios ann, gum feum duine sam bith aig a bheil ùidh dearbhadh gu bheil iad a' dol a chur ri beatha Shlèite, agus sinne mar phàirt mhòir dheth sin mar cholaiste tha sinn ag iarraidh gum biodh Gàidhlig aca cuideachd," thuirt e.