Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An Dàmhair 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bailey Gwynne

Thuirt aithisg air bàs a' bhalaich-sgoile Bailey Gwynne gun gabhadh an ionnsaigh sgèine a mharbh e a bhith air a sheachnadh. Mharbh sgoilear eile Bailey, 16 bliadhna, aig Acadamaidh na Cùilte an Obar Dheathain anns an Dàmhair an-uiridh. Tha an aithisg ag ràdh gun robh fios aig cuid de sgoilearan gun robh sgian aig a' bhalach ach nach do dh'innis iad dha luchd-obrach na sgoile. Fhuair am balach a mharbh Bailey, nach fhaod sinn ainmeachadh, binn naoi bliadhna airson marbhadh le coire.

Muirt

Tha an àireamh de chùisean muirt an Alba air tuiteam a-rithist, a rèir fhigearan oifigeil. Anns a' bhliadhna gu deireadh a' Mhàirt, chaidh 57 duine a mhurt. Tha sin sìos còignear air a' bhliadhna ron sin. 'S e dìreach aon chùis a tha fhathast fosgailte.

Samsung

Tha Samsung air sgur a reic am fòn Galaxy Note 7 aca rè ùine, ri linn 's gu bheil cuid aca an dèidh a bhith a' dol nan teine. Chaidh fònaichean ùra a chur a-mach air sgàth draghan mu shàbhailteachd, ach chaidh aithris gun robh iad sin a' dol nan teine cuideachd. Dh'iarr a' chompanaidh air daoine aig a bheil na fònaichean an cur dheth 's iad a' dèanamh sgrùdaidh air dè tha ceàrr.

Croitearachd

Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba, a' bhuidheann a tha a' riochdachadh chroitearan, ag iarraidh air an Riaghaltas Cathraiche Choimisean na Croitearachd a chur às a dhreuchd. Bha Cathraiche a' chaidreachais, Fiona Mandeville, a' bruidhinn às dèidh do Chailean Ceannadach nochdadh air an telebhisean Là na Sàbaid. Thuirt e ann an agallamh nach robh càil a dhùil aige an coimisean fhàgail agus gun robh a h-uile càil a rinn an coimisean co-cheangailte ri comataidhean ionaltraidh laghail. Thuirt Fiona Mandeville gur e cùis nàire a th' anns an t-suidheachadh.

Clàr-ola

Tha an clàr-ola an Transocean Winner deiseil airson a thoirt air falbh à Leòdhas an-diugh no a-màireach. Tha an luchd-saoraidh ag amas air a chur a Mhalta an toiseach agus an uair sin dhan Tuirc. Feumaidh iad a bhith air falbh ro àm diathaid a-maireach, fhad 's a tha an t-sìde fhathast fàbharach.

Siria

Shamhlaich seann mhinistear riaghaltais an Ruis ris na Nàsaich. Thuirt Anndra Mitchell gu bheil iad a' briseadh laghan eadar-nàiseanta leis na h-ionnsaighean boma aca ann an Siria. Bha e a' bruidhinn 's deasbad èiginneach gu bhith anns na Cumantan an-diugh air suidheachadh Aleppo.