Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Dàmhair 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Heathrow

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' cur an taic ris an treas raon-laighe aig Heathrow. Tha an leudachadh connspaideach, ach tha ministearan aig Holyrood ag ràdh gum biodh e na bhuannachd do dh'Alba agus gum faodadh suas ri 16,000 cosnadh a bhith air an cruthachadh.

Sreapadair

Tha fireannach air bàsachadh às dèidh dha tuiteam air Beinn Nibheis oidhche Haoine. Chuir duine a bha a' sreap còmhla ris fios air sgioba teasairginn nam beann, a thog far na beinne iad ann an uairean beaga na maidne. Bha na Poilis a' moladh na sgioba teasairginn, a chaidh a-mach tron oidhche ann an droch shìde.

Kathleen Harkin

Tha na Poilis a tha a' coimhead airson deugaire ann am Peairt ag ràdh gu bheil iad gu math draghail mu deidhinn. Chaidh Kathleen Harkin, 15 bliadhna de dh'aois, fhaicinn mu dheireadh ri taobh Abhainn Thatha oidhche Shathairne.

Coimisean na Croitearachd

Tha Fear-Gairm Choimisean na Croitearachd air cantainn a-rithist nach leig e dheth a dhreuchd. Bha Cailean Ceannadach a' bruidhinn às dèidh dhan t-sianar choimiseanairean eile bhòtadh gum bu chòir dha falbh. Thuirt Mgr Ceannadach gun robh a h-uile càil a rinn an Coimisean co-cheangailte ri comataidhean ionaltraidh laghail. Cuideachd, bha e ag ràdh gun robh coinneamh shònraichte a chaidh a chumail ann am Brùra an aghaidh riaghailtean na buidhne.

Coinneamh

Coinnichidh Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd ri Rùnaire na h-Alba ann an Lunnainn an-diugh. Am measg eile, thèid bruidhinn air aonta baile do bhaile Inbhir Nis. Tha an Comhairliche Mairead NicDhàibhidh ag iarraidh gun tèid an t-suim airgid airson nan ciad pròiseactan a thoirt dhaibh cho luath 's a ghabhas. Dh'iarr i air an Riaghaltas cuideachd cùmhnantan a chur air dòigh a chitheadh seirbheis fòn-làimhe ann an 95% den Ghàidhealtachd. An-dràsta tha an t-seirbheis ri fhaotainn ann an 95% den Rìoghachd Aonaichte air fad.

Deasbad

Bha Dòmhnall Trump agus Hillary Clinton a' càineadh càch a chèile anns an dàrna deasbad airson taghadh a' Chinn-Suidhe. Bha Mgr Trump ag ràdh gun robh an duine aig Hillary, Bill Clinton, a' gabhail brath air boireannaich. Thuirt Hillary Clinton nach eil Mgr Trump freagarrach airson ceannas Aimeireaga.