An Transocean Winner an ìmpis falbh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Clàr-ola a-nis air bòrd an t-soithich a bheir air falbh i

7 An Dàmhair 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh an clàr-ola an Transocean Winner, a thàinig air tìr ann an Dail Mòr ann an Leòdhas bho chionn dà mhìos, a chuir air bòrd a' bhàta-mhòir, an Hawk, feasgar an-diugh.

Tòisichidh luchd-saoraidh a-nochd agus a-màireach ga ceangal ri deic an t-soithich, mus tèid a toirt air falbh dhan an Tuirc.

Chaidh Aonghas Dòmhnallach a-mach air tè dha na h-eathraichean a th' air a bhith cumail taic ris an obair-saoraidh, anns a Loch a Tuath.