Àrdachadh cìse na "chùis nàire"

  • 7 An Dàmhair 2016
Airgead

Thuirt Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd gur e cùis nàire a th' ann gu bheil Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh air ùghdarrasan ionadail cìs na comhairle àrdachadh.

Bha an comhairliche Mairead NicDhàibhidh a' bruidhinn agus Rùnaire an ionmhais ag innse gur e dòigh mhath a bhiodh an seo airson airgead a thogail do sgoiltean na dùthcha.

Ach ann am beachd a' chomhairliche Sgitheanaich, Hamish Friseal, chan fhaigh a' Chomhairle no gu dearbha sluagh na Gàidhealtachd an t-airgead gu lèir air a bheil iad airidh.

Thuirt e: "'S e cùis nàire a th' ann gu bheil sinn mar chomhairle gu bhith a' togail àrdachadh 3% air a' chìs chomhairle agus an uair sin a' toirt cha mhòr leth air ais dhan Riaghaltas.

"Tha e a' sealltainn nach eil mòran spèis aca, nam bheachd-sa co-dhiù, dhan obair a tha sinn a' dèanamh, no comhairle sam bith, air a bhith a' cumail nan seirbheisean a th' againn a' dol sinn fhìn".