Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An Dàmhair 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Pauline Cafferky

Chaidh innse anns an leth-uair a dh'fhalbh gu bheil an nurs Albannach Pauline Cafferky, a bha a' fulang le Ebola, a-nis air ais anns an ospadal ann an Glaschu. Ghlac Ms Cafferkey an galar agus i a' toirt cobhair seachad ann an Sierra Leone air ais ann an 2014. Chaidh a toirt bhon taigh aice ann an Camas Long ann an Glaschu gu Ospadal na Bànrigh Ealasaid anns a' bhaile. Seo an ceathramh triop aice anns an ospadal bhon a thill i a Bhreatainn.

Fracadh

Thug Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cead airson pròiseact fracaidh an iar-thuath Shasainn. Chaidh cead a dhiùltadh dhan chompanaidh Cuadrilla airson dà làrai ch le Comhairle Shiorrachd Lancashire, ach thèid aig a' chompanaidh a-nis air fracadh a dhèanamh air aon làraich faisg air Little Plumpton às dèidh ath-thagradh. Seo a' chiad triop a chaidh cead a thoirt do phròiseact den t-seòrsa seo airson gas a thoirt às an talamh. Chuir an Riaghaltas ge-tà dàil ann an co-dhùnadh air làraich eile, ach tha dùil gun tèid sin air adhart aig a' cheann thall cuideachd.

Gas

Aig a' cheart àm foillsichidh Riaghaltas na h-Alba feasgar aithisg neo-eismeileach air an dòigh chonnspaidich gus gas a dhèanamh le bhith a' losgadh guail fon talamh. Tha buidhnean àrainneachd an dòchas gun tèid a chasg gu h-iomlan ann an Alba, an dèidh casg rè ùine. Bha companaidhean a' coimhead air làraichean faisg air Linne Fhoirthe ma thèid cead airson a leithid a thoirt seachad.

Clàr-ola

Tha an clàr-ola Transocean Winner a' tighinn nas fhaisge air a dhol air bòrd an t-soithich mhòir an Hawk agus iomairt a' leantainn anns an Loch a Tuath madainn an-diugh. Tha na tugaichean beaga ag obair gus an clàr a chur os cionn deic an t-soithich, agus an Hawk còrr air fichead meatar sìos anns an uisge. Tha an luchd-salbhaidh ge-tà ag ràdh gur e pròiseas fada a bhios ann agus nach bi i air bòrd an Hawk gu co-dhiù meadhan-oidhche a-nochd aig a' char as tràithe ma leanas an deagh shìde anns an Loch an Tuath.

Sgoil

Chaidh innse dha na ceudan sgoilearan aig Àrd-Sgoil Inbhir Nis fuireach aig an taigh an-diugh an dèidh mar a thuit uinneag aig an sgoil. Chaidh sgoilear a ghoirteachadh aig Àrd-Sgoil Inbhir Nis agus chaidh iarraidh air cloinn air a' chiad, an dàrna agus an treas bliadhna fuireach air falbh an-diugh, agus sgrùdadh sàbhailteachd ga dhèanamh.

Bùird Shlàinte

Thèid deasbad a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba nas fhaide den là mu na tha an dàn do bhùird shlàinte eileanach na h-Alba. Tha seo a' tighinn agus molaidhean ann gum faodadh bùird mar NHS nan Eilean Siar a bhith air an cur còmhla ri feadhainn air Tìr-Mòr. Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach eil ceist sam bith ann mun dealas dha na h-eileanan agus gun toir na molaidhean deireannach aire dha na feumalachdan sònraichte aca.