Airgead a' Chrannchuir do Thom an t-Sabhail

  • 6 An Dàmhair 2016
Ceàrnag Thom an t-Sabhail Image copyright Stanley Howe/Geograph
Image caption Thèid feuchainn ri luchd-turais a thàladh stad ann an Tom an t-Sabhail agus Gleann Lìobhait, seach a dhol troimhe.

Tha dòchas ann an Tom an t-Sabhail agus Gleann Lìobhait gun tig togail air an sgìre agus iad a' faighinn taic-airgid luach còrr 's £2m bhon Chrannchur Nàiseanta.

Thèid an t-suim airgid sin a dh'ionnsaigh 20 pròiseact thairis air na ceithir bliadhna a tha romhainn.

Nam measg bidh ionad turasachd an cois taigh-tasgaidh Thom an t-Sabhail, agus thèid caisteal Bhlàr Fhionnaidh a dhèanamh sàbhailte gus am faigh luchd-turais thuige.

"'S e rud math dha-rìribh a th' ann," thuirt Dòmhnall Iain MacFhionghain a th' air a bhith fad bhliadhnaichean a' fuireach agus ag obair sa bhaile.

Caisteal Bhlàr Fionnaidh

"Tha an taigh-tasgaidh agus an t-Ionad Turasachd anns an aon togalach.

"'S e togalach gu math aosta a th' ann 's tha e feumach air airgead a bhith air a chosg air.

"An-dràsta chan eil e fosgailte ach sia uairean de thìde, tha na daoine a tha ga ruith ga dhèanamh air an toil fhèin.

"Thuige seo cha robh ann ach an taigh-tasgaidh 's an t-ionad turasachd agus bha aon taigh-òsta fosgailte sa bhaile.

"Ach a-nist tha dà thaigh-òsta eile air fosgladh. Bha daoine dìreach a' dol tron bhaile 's gun stad.

"Ach ma tha taigh-tasgaidh ùr 's ionad turasachd ùr ann bheir e stad don luchd-turais, gun siubhal tron bhaile.

"Far a bheil e an-dràsta tha e dìreach am meadhan a' bhaile ann an ceàrnaig bhig, 's tha iad feumach air airgead a chur an lùib an togalaich airson gum bi daoine ga fhaicinn.

"Duine sam bith an-dràsta thig iad a-steach dhan bhaile 's tha iad a' faighneachd càite a bheil an t-ionad turasachd?" thuirt e.

"An caisteal, tha e gu math cunnrtach mar a tha e an-dràsta. Tha an togalach a' tuiteam às a chèile 's feumaidh iad airgead a chur an lùib sin cuideachd.

"Tha am baile feumach air rudeigin a bheir air luchd-turais stad anns a' bhaile.

"Na taighean-staile, 's e sin an aon rud a tha a' tàladh dhaoine chun a' bhaile an-dràsta," thuirt e.