"Bu chòir an clàr-ola a thoirt a Chiseorn"

  • 4 An Dàmhair 2016
Gàradh Chiseoirn on adhair Image copyright Other
Image caption Tha Mgr Blackford ag ràdh gu bheil Ciseorn comasach agus ullaichte airson an obair a dhèanamh

Tha am Ball-Pàrlamaid Gàidhealach Iain Blackford ag ràdh gum bu chòir clàr-ola an Transocean Winner a thoirt a Ghàradh Chiseoirn airson a bhriseadh, àn aite a bhith ga chur dhan Tuirc.

Tha an clàr, a chaidh air na creagan ann an Leòdhas anns an Lùnastal, fhathast air acair anns an Loch a Tuath, às dèidh mar a dh'fhailich oidhirp-saoraidh air an deireadh-sheachdain.

A-nis tha Ball-Pàrlamaid Rois, an Eilein Sgitheanaich agus Loch Abair, Iain Blackford, ag ràdh gum bu chòir dhan chompanaidh leis a bheil an Transocean Winner na planaichean aca atharrachadh - agus e ag ràdh gu bheil Gàradh Chiseoirn ullaichte agus comasach air an obair a dhèanamh.

Tha e ag ràdh gu bheil e deatamach gum faigh gàraidhean Albannach - agus Ciseorn gu h-àraidh - brath air na cothroman a tha an lùib obair dì-choimiseanaidh ris a bheil dùil anns na bliadhnaichean ri thighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo