Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Dàmhair 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

BP

Tha BP a' diùltadh innse dè na chaill iad de dh'ola bho chlàr Clair, far Shealtainn. Ach, thuirt iad gu bheil iad an dòchas gun sgaoil e anns a' mhuir gu nàdarra. Bha iad cuideachd ag ràdh gum faicear ola air uachdar na mara, ach gu bheil an truailleadh a' gluasad a-mach gu muir agus air falbh bho Shealtainn. Bha an ola ag aodion airson suas ri uair de thìde an-dè. Tha sgioba shònraichte a bhios a' dèiligeadh ri truailleadh ola agus Riaghaltas Bhreatainn a' coimhead ris an t-suidheachadh.

Surjit Singh Chhokar

Chaidh an diùraidh air cùis mhuirt Surjit Singh Chhokar a chur a-mach airson beachdachadh air breith. Tha Ronnie Coulter, 48, à Wishaw, a' dol às àicheadh gun do mhurt e Mgr Chhokar, 32, ann an Overtown, Lannraig a Tuath, bho chionn 18 bliadhna. Tha e a' coireachadh dithis fhireannach eile.

Na Tòraidhean

Thuirt an Seansalair, Philip Hammond, gun leig e seachad plana gus cur às do dh'easbhaidh na dùthcha ron bhliadhna 2020. B' e sin fear de phrìomh phoileasaidhean a' Phàrtaidh Thòraidhich ron taghadh an-uiridh. Thuirt e cuideachd gu bheil a' bhòt airson an EU fhàgail air mì-chinnt adhbharachadh am measg ghnìomhachasan agus nach eil iad an dèidh a bhith cho deònach airgead a chosg air pròiseactan ùra.

Clàr-ola

Thèid coimhead ri roghainnean eile gus an clàr-ola an Transocean Winner a ghluasad às an Loch a Tuath ann an Leòdhas. Tha seo a' tighinn às dèidh mar a dh'fhailich e air luchd-saoraidh an clàr a chur air bòrd bàta mhòir air an deireadh-sheachdain. Chuir suailichean bacadh orra. 'S dòcha gum feumar beachdachadh a-nis air an clàr a ghluasad gu àite far a bheil a' mhuir nas ciùine.

An Ungair

Cha sheas buil an referendum air cuotannan in-imreachas an EU anns an Ungair air sgàth 's nach do bhòt gu leòr dhaoine. Chuir cha mhòr a h-uile duine a bhòt an taic ris a' Phrìomh Mhinistear a tha airson casg a chur air na cuotathan. Ach leis nach do thionndaidh ach 44% den luchd-bhòtaidh a-mach, chan urrainnear gabhail ri tòradh na bhòta.