carragh-chuimhne
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Pròiseact eachdraidh ma sgaoil

29 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha pròiseact stèidhichte air eachdraidh nan soithichean conbhoidh ann an Loch Iubh, a bha a' dol a chosg £2m, air a dhol ma sgaoil. Bha buidheann carthannais ionadail airson leasachadh a thoirt air làrach nan gunnaichean agus nan togalaichean faire a bhathar a' cleachdadh tron Dàrna Cogadh, ach dhiùlt an t-uachdaran sealbh a thoirt dhaibh air an talamh. Tha ùidh mhòr ann an sgeulachd nan conbhoidhean eadar Loch Iubh agus ceann a tuath na Ruis - slighe far an do chaill mìltean sheòladairan am beatha. Tha Pàdraig MacAmhlaidh ag aithris: