Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Matteo Renzi

Thuirt Prìomhaire na h-Eadailte gum bi e do-dhèante do chòmhraidhean Brexit barrachd chòirichean a thoirt do Bhreatannaich na th' aig daoine ann an dùthchannan eile taobh a-muigh an Aonaidh Eòrpaich. Dh'innis Matteo Renzi dhan BhBC gu bheil esan den bheachd gur e droch rud a bhios ann am Brexit, ach thuirt e gun robh e deònach air obair còmhla ri Theresa May airson deagh chàirdeas a ghlèidheadh eadar Breatainn agus an EU.

Coimisean na Croitearachd

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' cumail sùil gheur air Coimisean na Croitearachd, agus cuideam às ùr air cathraiche a' Choimisein a dhreuchd fhàgail. Ghabh na coimiseanairean eile ri moladh ag iarraidh air Cailean Ceannadach falbh an dèidh dhasan coiseachd a-mach à coinneimh a' bhùird ann am Brùra an-dè. Dh'iarr iad cuideachd an leisgeul a ghabhail airson mar a làimhsich an Coimisean buaireadh mu obair nan comataidhean ionaltraidh. Thuirt Coinneach Dòmhnallach, clarc na comataidh ùire ann an Col Uarach ann an Leòdhas, nach e Cailean Ceannadach a-mhàin ach na coimiseanairean gu lèir a dh'fheumas falbh.

Cùram Cloinne An-asgaidh

Tha Righaltas na h-Alba ag ràdh gum feum na h-ùghdarrasan ionadail innse càite a bheil £140m a fhuair iad airson cùram cloinne an-asgaidh a thoirt seachad. Tha sgrùdadh air poileasaidh Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach deach an t-airgead a chosg mar a bu chòir. Thuirt Caidreachas nan Ùghdarrasan Ionadail, a tha a' cur teagamh anns na figearan sin nach robh ann ach tomhas gu math suarach.

Prìs na h-Ola

Dh'aontaich feadhainn de na dùthchannan as motha a tha a' reic ola gearradh air ais airson a' chiad uair ann an ochd bliadhna air na tha iad a' giollachd. Tha OPEC, a' bhuidheann a tha a' riochdachadh nan dùthchannan sin, ag amas air luach na h-ola dhaibhsan a chur suas. Chuir an naidheachd còrr is 5% ri prìs na h-ola air na margaidean anns a' mhadainn an-diugh.

LEADER

Tha dragh air Comhairle nan Eilean Siar gum fulaing na h-eileanan le mì-chinnt mun sgeama leasachaidh LEADER an dèidh na bhòta airson falbh às an Aonadh Eòrpach bho a bheil an stòras airgid a' tighinn. Ged a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' gealltainn gun lean feadhainn de na subsadaidhean Eòrpach an dèidh Brexit suas gu 2020, chan eil LEADER nam measg. Tha Ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, ag iarraidh dearbhadh bho Riaghaltas Westminster mun sgeama.

Sir Bernard Hogan-Howe

Tha an t-oifigear poilis as àirde dreuchd ann am Breatainn, Sir Bernard Hogan-Howe, a' cur bhuaithe a chuid obrach an dèidh còig bliadhna os cionn Poilis a' Mhetropolitan. Bha dùil gum fuiricheadh Sir Bernard anns an dreuchd dhan t-Sultain an ath-bhliadhna, an dèidh do Rùnaire na Dùthcha aig an àm, Theresa May, innse san Fhaoilleach am-bliadhna gun robh i a' tabhainn blidhna eile air anns an obair.