"Falbhadh na Coimiseanairean"

  • 29 An t-Sultain 2016
Col Uarach

Tha ceistean fhathast a' leantainn mu Choimisean na Croitearachd às dèidh coinneimh gu math sradagach ann am Brùra Diciadain.

Choisich Fear-Gairm a' Choimisein, Cailean Ceannadach, a-mach aig fìor-thoiseach gnothaich mus do bhòt coimiseanairean iarraidh air seasamh sìos.

Ach chan eil fuasgladh ann fhathast air a bheil an Coimisean a' dol a dh'atharrachadh an t-seasaimh aca air suidheachadh nan comataidhean ionaltraidh, mar a dh'iarr Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, orra a dhèanamh.

Thuirt iad aig a' choinneimh gun robh iad fìor-dhuilich mun dòigh anns an do làimhsich iad am buaireadh.

"Chuir sinn a-mach brath an-diugh, agus thèid sin gu na croitearan, agus cluinnidh sinn dè tha iad a' smaoineachadh mu dheidhinn sin," thuirt Coimiseanair nan Eilean Siar, Murchadh MacIllInnein.

"Thèid sinne a-mach agus bruidhnidh sinn riutha mu dheidhinn nan cùisean sin.

"Ach tha sinn an dòchas gum faigh sinn tòiseachadh ùr a dhèanamh anns na bailtean sin, agus tha sinn an dòchas gu bheil iadsan a' smaoineachadh sin cuideachd.

Tha a' chomataidh ionaltraidh ùr a chaidh a thaghadh an Col Uarach ann an leòdhasag iarraidh air buill a' Choimisein gu lèir falbh, agus feadhainn de na h-oifigich cuideachd.

"Bidh sin nas fheàrr dhan Choimisean agus dha na bailtean cuideachd," thuirt e.

Tha Coinneach Dòmhnallach à Col Uarach a' smaoineachadh gu bheil e iomchaidh iarraidh air Mgr Ceannadach falbh, ach tha e den bheachd gun robh a h-uile duine a bha an sàs anns na thachair bho chionn faisg air bliadhna, a' cheart cho ciontach.

"Bha sin glic gu leòr. Chan ann tric a dh'fhaodas sinn a ràdh gu bheil sinn a' cluinntinn càil glic a' tighinn a-mach bhon bhuidhinn seo," thuirt e.

"Ach bhiodh e na ghliocas dhaibh cuideachd an aon cheum a ghabhail iad fhèin.

"Oir chan eil sinn a' faicinn gun gabh earbsa sam bith a chur annta tuilleadh.

"Oir bha a h-uile duine aca an sàs, a' cluiche mar aon sgioba, anns a' h-uile càil a thachair ann an seo an Col Uarach 's an àiteachan eile cuideachd.

"'S ma chluich iad mar sgioba, 's gun robh iad ceàrr, tha cho math dhaibh an casan a thoirt leotha," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo