Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Coimisean na Croitearachd

Bha ùpraid aig coinneimh Choimisean na Croitearachd ann am Brùra an-diugh agus Cathraiche a' Choimisein, Cailean Ceannadach, a' coiseachd a-mach às a' choinneimh. Bha Mgr Ceannadach a' diùltadh dhan Choimiseanair Leòdhasach, Murchadh MacIllFhinnein, tarraing air ais bho chlàradh gun robh ceangal aigesan ris an deasbad mu chomataidhean ionaltraidh ann an Col Uarach agus Mangurstadh. Nuair a dh'innis oifigich do Mhgr Ceannadach gum feumadh e gabhail ri iarrtas Mhgr MacIllFhinnein, dhùin e a' choinneamh agus choisich e a-mach, a' diùltadh cuideachd bruidhinn ris a' BhBC. Tha a' choinneamh air tòiseachadh a-rithist agus e coltach gu bheil iad a' deasbad, am measg rudan eile, dà litir a tha ag iarraidh air Cailean Ceannadach a dhreuchd fhàgail.

Muilinn-Stàilinn

Chaidh muilinn-stàilinn Dalzell ann an Tobar na Màthar fhosgladh gu h-oifigeil a-rithist an-diugh. Dhùin Tata Steel a' mhuilinn, an tè mu dheireadh ann an Alba, an-uiridh ach cheannaich Riaghaltas na h-Alba i agus chaidh a reic a-rithist sa Ghiblean am-bliadhna ris a' bhuidhinn Liberty House.

Jeremy Corbyn

Bidh gealltanas aig Ceannard nan Làbarach, Jeremy Corbyn, an-diugh air taic-airgid do choimhearsnachdan air a bheil ìre àrd de dh'in-imreachas a' toirt buaidh. Ach cha bhi gealltanas na òraid, air an là mu dheireadh de cho-labhairt nan Làbarach ann an Liverpool, gum biodh esan mar Phrìomh Mhinistear a' cur smachd air àireamh na h-in-imreachd.

Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean

Tha teagamh ann mu Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean le dearbhadh bho Riaghaltas na h-Alba gu bheil ath-sgrùdadh ann air a' bhuidhinn agus air Iomairt na h-Alba. Tha beachd ann gum faodadh an dà bhuidhinn a dhol còmhla. Tha gearanan ann nach eil HIE gu feum tuilleadh le buaidh nan gearraidhean aig Riaghaltas na h-Alba air buidseat agus àireamh luchd-obrach na buidhne.

Shimon Peres

Tha luaidh ga dhèanamh bho air feadh an t-saoghail air Shimon Peres a bha na Cheann-Suidhe air Israel. Bha e 93 bliadhna de dh'aois. Bha iomadh diofar dreuchd aige ann an Riaghaltas Israel agus fhuair e Duais Shìth Nobel airson na h-aonta ris na Pailistinianaich. Bidh an tìodhlacadh ann an Ierusalam Dihaoine.

Maraichean

Tha ceathrar mharaichean òga Albannach air tìr a-rithist an dèidh mìos glacte air bàta-bathair sa Mhuir Shìonaich. Chaidh a' chompanaidh mhòr, Hanjin, dham buin an soitheach air an robh na cadets, banca-briste agus cha toireadh port sam bith cead dhan bhàta ceangal air eagal 's nach fhaigheadh iad am pàigheadh. Ach an dèidh ceithir seachdainean a-muigh air acaire fhuair an soitheach cead ceangal ann an Singapore.