Dùil ri brath on Choimisean

  • 28 An t-Sultain 2016
Coimisean na Croitearachd

Bidh Coimisean na Croitearachd a' co-dhùnadh Diciadain an tabhainn iad leisgeul do chroitearan - iarrtas a thàinig bho Rùnaire na h-Eaconamaidh Dùthchail, Fearghas Ewing.

Dh'iarr e cuideachd gun atharraicheadh iad an seasamh aca air buaireadh nan comataidhean ionaltraidh.

Bidh an Coimisean a' coinneachadh madainn Diciadain ann an Brùra, Cataibh.

Dh'iarr an ceannard fhèin, Catriona NicIllEathain, gun deadh leigeil le croitearan Chuil Uaraich ann an Leòdhas smachd a bhith aca fhèin air gnothaichean ionaltraidh a' bhaile a-rithist.

Tha obair mhòr ron Choimisean gus earbsa dhaoine a chosnadh às ùr, a rèir tè a bha na ball den bhuidhinn bho chionn còrr air deich bliadhna.

Thuirt Agnes Rennie gu bheil aca ri mòran slànachaidh a dhèanamh, ri linn a' bhuairidh a bha a' dol le comataidhean ionaltraidh thairis air na naoi mìosan a dh'fhalbh.

Bha ise cuideachd ag ràdh gum biodh e iomchaidh dhan Choimisean a ràdh gu poblach gu bheil iad duilich.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil tòrr slànachaidh a dhìth a-nis," thuirt i.

"Saoilidh mi, nam bithinn fhìn air a' Choimisean a tha sin an-diugh, gum bithinn a' coimhead ri dòighean a lorg air an slànachadh a tha sin a dhèanamh ann an ùine aithghearr.

"Airson, chan e a-mhàin na coimhearsnachdan sin a tha sinn a' cluinntinn air an ainmeachadh tric air a bheil seo an dèis bualadh. Tha seo an dèis bualadh gu math gu math mòr air coimhearsnachdan croitearachd air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean," thuirt i.