Iarrtas 'son taic do sheirbheis adhair

  • 28 An t-Sultain 2016
Seirbheis Loganir

Thèid ìmpidh a chur air Bòrd Slàinte nan Eilean Siar airgead a thoirt seachad mu choinneamh seirbheis còig latha san t-seachdain a stèidheachadh às ùr eadar Beinn na Faoghla agus Steòrnabhagh.

Fo aonta ùr eadar Comhairle nan Eilean Siar agus Loganair tha seirbheis ceithir latha ann, ach dh' aontaich comhairlichean Diciadain a bhith ag amas air seirbheis còig latha aon uair eile.

Tha iad ag ràdh gum bu chòir an t-ùghdarras slàinte airgead a chur ris an t-subsadaidh leis gu bheil na h-uimhir a luchd-siubhail nan euslaintich.

Bha mi-thoileachas mòr ann nuair a sguir an t-seirbheis còig latha san t-seachdain bho chionn dà bhliadhna.

Chosg a' chomhairle £264,000 air na seirbheisean sa bhliadhn' ionmhais 2015/2016 fo aonta seirbheis phoblach (PSO).

Cha robh ach trì seirbheisean san t-seachdain ann an uairsin.

Thig an cùmhnant an ùghdarrais ionadail le Loganair gu ceann air an 31mh den Mhàirt 2017.