Daibhearan
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

An Hebrides ga sgrùdadh

26 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thòisich obair sgrùdaidh air an aiseag an Hebrides às dèidh na tubaist a bh' aice ann an Loch nam Madadh Là na Sàbaid. Chaidh milleadh a dhèanamh air na pontoons anns an do bhuail i, ach cha deach duine a ghoirteachadh. Tha ceist ann a-nis ge-tà mu shàbhailteachd na làraich far an deach na pontoons a thogail. Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.