Brosnachadh is comhairle a dhìth, seach airgead a-mhàin

  • 26 An t-Sultain 2016
Fearann

Bidh brosnachadh is comhairle a dhìth, a thuilleadh air taic-airgid, gus an targaid aig Riaghaltas na h-Alba millean acair a bhith fo smachd choimhearsnachadan sa bhliadhna 2020 a choileanadh.

Sin beachd Agnes Rennie bho Fhearann Coimhearsnachd na h-Alba.

Aig an ìre seo, tha 500,000 acair ann an làmhan a' phobaill.

Thuirt Agnes Rennie, ge-tà, gu bheil i air a misneachadh le teachdaireachd bho Rùnaire Ath-leasachaidh an Fhearainn, Roseanna Choineagan, gun tèid an targaid a ruighinn.

Obair Coimhearsnachd

"Chan eil teagamh sam bith nach eil taic mhòr aicese a thaobh dèanamh cinnteach gu bheil an t-amas a th' aig an Riaghaltas a thaobh a' mhillean acair a tha seo, tha e fhathast ann an sin. Tha e àrd air a' chlàr-ghnothaich aca.

"Chan eil teagamh sam bith nach eil ise a' dol a dhèanamh a h-uile càil as urrainn dhi a dhèanamh airson a dhèanamh cinnteach gun tachair sin.

"Ciamar a tha sin a' dol a thachairt bho là gu là, agus anns na coimhearsnachdan far am feum e tachairt, far an urrainn dha tachairt, 's e rud eile a tha sin.

"Tha mi a' smaoineachadh gum feum sinn a bhith dòchasach mu dheidhinn dìreach dè mar a ghabhas sin a dhèanamh, agus tha mi a' smaoineachadh gum feum sinn a bhith a' coimhead ris gur mathaid gum bi am millean acair a tha seo a' tighinn bho choimhearsnachdan a tha gu math eadar-dhealaichte (seach na rinn e thuige seo).

"Tha mi fhìn a' faireachdainn gu bheil earrainn mhath dheth sin fhathast a ghabhas a bhith air a chur troimhe air Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan.

"Agus mar a tha làn-fhios againn tha acraichean mòra farsainn air feadh a' chòrr de dh'Alba far a bheil coimhearsnachdan - coimhearsnachdan beaga, coimhearsnachdan nach eil cho beag - a tha a-nise a' tòiseachdainn a' coimhead timcheall orra agus ag ràdh "dè 's urrainn dhuinne a dhèanamh? A bheil cothrom an seo dhuinne?"

"Agus 's dòcha gur e an diofar as motha eadar feadhainn de na coimhearsnachdan sin agus na tha a' tachairt air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan, gur mathaid nach eil an aon sheòrsa eachdraidh obair coimhearsnachd ann.

"Agus bhon t-seadh sin gu bheil barrachd obrach ri dhèanamh a thaobh a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil na buidhnean a bheir an obair sin air adhart, gu bheil iad fhèin air an uidheamachadh.

"Chan ann a-mhàin le airgead, ach le sgilean a leigeas dhaibh an obair thoinnte, dhuilich a tha seo a dhèanamh.

"Tha sinn fhìn ann an Gabhsann, tha sinn a' tighinn gu dìreach deich bliadhna san Fhaoilleach seo tighinn.

Coimisean an Fhearainn

"Tha sinn fhìn air ionnsachadh, còmhla ris an obair mhòir a tha ri dhèanamh, agus ri ionnsachadh mus tèid am fearann a cheannach, gu bheil obair mhòr mhòr an uair sin às dèidh sin.

"Chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil duine gam mealladh fhèin nach bitheadh sin mar sin, ach chan eil sin a' ciallachadh gu bheil e càil nas fhasa.

"Tha aig buidhnean ri dòighean a lorg air an obair sin a chumail a' dol.

"Tha againn ri dòighean a lorg air dèanamh cinnteach gu bheileas a' dèanamh sgaoileadh air an eòlas a th' ann mar thà.

"Agus cuideachd gu bheil taic ann far 's mathaid nach eil an t-eòlas sin buileach dhan aon ìre anns a' choimhearsnachd fhèin," thuirt i.

Fo Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn (2016) thèid Coimisean Fearainn a stèidheachadh, agus tha a' Bh.Ph. Rennie dòchasach gun cuir a' bhuidheann ùr ri oidhirpean ath-leasachadh fearainn a thoirt air adhart.

"'S e an aon rud a bhithinnsa an dòchas 's e, leis a' Choimisean Fearainn a tha sin a' tighinn gu bith as t-Earrach seo tighinn, gun ciallaich e gum bi buidheann an sin a tha a' cumail sùil air dìreach dè mar a tha an reachdas a' dol air adhart. Buidheann a tha a' cumail sùil air dè na ceistean a thathas a' togail a thaobh reachdais ùir eile air a bheileas a' smaoineachadh ma thig sin gu bith.

"Agus cuideachd gu nàdarrach, mar a tha na bliadhnaichean a' dol adhart, bidh feum air coimhead ri poileasaidhean às ùr airson taic a chumail ri sin," thurt i.