flybe
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Fàilte air seirbheis adhar a bharrachd

23 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh fàilte a chuir air an naidheachd gum bi an t-seirbheis adhair eadar Steòrnabhagh agus Beinn nam Faoghla a' ruith às ùr gach feasgar Dhihaoine bhon ath-mhìos.

Tha e a' ciallachadh gum bi an t-seirbhis a ruith ceithir latha san t-seachdain às dèidh dhan chompanaidh-adhair Loganair agus Comhairle nan Eilean Siar a thighinn gu aonta.

Bha mì-thoileachas mòr ann nuair a sgur an t-seirbheis còig latha san t-seachdain bho chionn dà bhliadhna. Tha tuilleadh aig Ruaraidh Rothach.