boat
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Mì-thoileachas le sgìrean ghlèidhte shonraichte

23 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha iasgairean ann an Tioradh mì-thoilichte mu phlanaichean sgìre ghlèidhte shònraichte - neo SPA - a chuir timcheall an eilein agus mu chuairt pàirt de dh'Eilean Cholla.

Tha Dualchas Nàdar na h-Alba airson an SPA a chuir an sàs airson dìon a chuir air eòin leithid a' mhuir-bhuachaille agus an lach-dhonn a tha comanta sa sgìre - gu h-àraid tron gheamhradh.

Tha iad a' sireadh bheachdan air a' chùis an-dràsta.

A rèir nan iasgairean, ge-ta, chan eil fiosrachadh gu leòr ri fhaotainn thuige seo. Seo Seonaidh MacCoinnich.