Cead ga thoirt dha taigh-staile ùr an Ìle

  • 22 An t-Sultain 2016
Dealbh de na planaichean. Image copyright Hunter Laing & Co

Chaidh cead a thoirt seachad 'son taigh-staile ùr ann an Ìle.

'S e an naoidheamh taigh-staile a bhios san eilean, agus a' chiad taigh-staile ùr ann an còrr is deich bliadhna.

Bha Heathgreen Earranta, a tha na pàirt den bhuidhinn Hunter Laing & Co, air cead iarraidh 'son taigh-staile agus ionad-tadhail aig Àird na Hogh, faisg air Port Asgaig.

Cleachdaidh iad uisge à Loch Àird na Hogh 'son an uisge-bheatha ùir aca.

Cosgaidh a' phròiseict mu £8m, is thèid 200,000 litir de dh'uisge-bheatha a chruthachadh sa chiad bhliadhna.

Thathas an dòchas gun tòisich obair-togail san t-Samhain, is gun tòisichear air an uisge-bheatha fhèin tràth ann an 2018.

Dh'innis Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gun robh iad air an dòigh taic a chur ris an leasachadh.

Thuirt iad gum bi obraichean ùra ann dha Ìle, is gun tig buannachdan eaconomach eile dhan sgìre san fharsaingeachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile