Obair ùr dha Coinneach MacGuaire

  • 22 An t-Sultain 2016
Coinneach MacGuaire

Chaidh Coinneach MacGuaire ainmeachadh mar Stiùiriche ùr Nàiseanan is Roinnean a' BhBC air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

Tha Mgr MacGuaire, a bhuineas dha Muile, air a bhith os cionn a' BhBC ann an Alba bho 2004.

Bha e uair cuideachd os cionn roinn na Gàidhlig aig a' BhBC.

Chaidh cur às do dh'obair Stiùiriche Nàiseanan is Roinnean a' BhBC ann an 2009.

Dh'innis Àrd-Stiùiriche a' BhBC, Tony Hall, am-bliadhna gun tilleadh an dreuchd.

Thuirt am Morair Hall gum bi Coinneach MacGuaire a' riochdadhadh "ghuth an luchd-amhairc" taobh a-muigh Lunnainn.

Bidh dleastanas air cuideachd dhan a h-uile sian a bhios sgiobaidhean Nàiseanan is Roinnean a' BhBC a' dèanamh.

Bidh aige cuideachd ri sàbhalaidhean a lorg, le plana gun tèid an t-airgead a thig às na sàbhalaidhean a chosg air prògramanan ùra.

Thèid e dhan obair ùr sa bhad.

'S e Gàidheal eile - Donalda NicFhionnghain - a ghabhas àite Mhgr MhicGuaire ann an Alba an toiseach.

Bidh i na ceannard air a' BhBC ann an Alba anns an eadar-ama, gus an tèid cuideigin ainmeachadh anns an dreuchd làn-ùine.