Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Croitearachd

Thuirt Ministear nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, gum bi sgrùdadh ann air dòighean-obrach Choimisean na Croitearachd. Dh'iarr Mgr Ewing air a' Choimisean maitheanas iarraidh gu poblach airson mar a dhèilig iad ri comataidhean ionaltraidh. Chuir an Coimisean às do thrì comataidhean baile, dhà ann an Leòdhas agus aonan ann an Loch Abar, agus tha luchd-lagha air a bhith a' cur teagamh anns an dòigh anns an do rinn an Coimisean sin. Thuirt Mgr Ewing gu bheil e a' gabhail taobh nan croitearan agus dh'iarr e air a' Choimisean leisgeil iarraidh agus cur às dha na co-dhùnaidhean dhan tàinig iad.

Agus tha Àrd-Oifigear a' Choimisein, Catriona NicIllEathain, a' moladh do bhòrd a' Choimisein iad iarraidh air a' chonstabal a chuir iad a Chol Uarach ann an Leòdhas, crìoch a chur air a chuid obrach an sin, an dreuchd fhàgail agus comataidh ionaltraidh ùr a chur na àite.

Cùram Sòisealta

Tha aithisg bhon bhuidhinn a tha a' cumail sùil air obair nan ùghdarrasan ionadail ag ràdh nach seas siostam cùram sòisealta na h-Alba mar a tha e an-dràsta. Tha Coimisean a' Chunntais ag ràdh mura h-atharraich dad gum bi £667m a bharrachd a dhìth ro 2020 airson an t-seirbheis a ghlèidheadh aig an ìre aig a bheil i an-dràsta.

Siria

Tha aithrisean ann gun tug itealain-chogaidh ionnsaigh mhòr air pàirtean de bhaile Aleppo ann an Siria a tha fo smachd reubaltach. Bidh na Stàitean Aonaichte agus an Ruis os cionn coinneimh ann an New York an-diugh mun èiginn a tha ann an Siria agus tha Rùnaire nan Stàitean, John Kerry, ag iarraidh casg air itealain-chogaidh os cionn Shiria gus an tèid cobhair a dhèanamh air na sgìrean as fheumaiche.

Coinneach MacGuaire

Chaidh Coinneach MacGuaire, a tha air a bhith os cionn a' BhBC ann an Alba bho chionn grunn bhliadhnaichean, ainmeachadh mar Stiùiriche ùr Nàiseanan 's Roinnean a' BhBC air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Thàinig an naidheachd bho Àrd-Stiùiriche a' BhBC, Tony Hall. Thuirt am Morair Hall gum biodh e an urra ri Coinneach MacGuaire ro-innleachd a dhealbh airson na Rìoghachd Aonaichte air fad aig àm cudromach na h-eachdraidh. 'S ann à Muile a tha Mgr MacGuaire, 's bha e os cionn Gàidhlig aig a' BhBC mus deach e na Stiùiriche air Alba.

Cìs Chomhairle

Bidh pàrtaidhean poilitigeach na h-Alba ag innse an-diugh, aig deasbad ann an Holyrood, dè an dreach a chuireadh iad air a' chìs chomhairle. Thig casg air àrdachadh na cìse sin gu ceann a dh'aithgearr agus tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh cìs nas motha airson airgead a chosg air foghlam.

Charlotte

Bha an dàrna oidhche de dh'aimhreit ann am baile Charlotte ann an Carolina a Tuath far an deach duine dubh a mharbhadh Dimàirt an dèidh do phoilis losgadh air. B' fheudar do phoilis gas a chur gu feum airson sluagh a chur ma sgaoil ann am meadhan a' bhaile an-raoir agus chaidh staid èiginn a stèidheachadh. Chaidh aon duine a dhroch leòn an dèidh losgadh air le gunna.

Iomall a' Mhòid

Chaidh prògram iomaill a' Mhòid fhoillseachadh le tachartasan air feadh nan Eilean Siar. Am measg na bhios ri fhaicinn 's ri dhèanamh fhad 's a bhios na farpaisean a' dol air adhart tha cuirmean, dràma, taisbeanaidhean agus bùthainnean-obrach cloinne. Tha am Mòd a' fosgladh air a' 14mh là den ath-mhìos.