Dragh mu chion leapannan-faochaidh

  • 21 An t-Sultain 2016

Tha dragh air èirigh ann an Uibhist nach eil a-nis ach aon leabaidh-faochaidh ri fhaighinn air feadh an eilein.

A-nis tha e a' faileachadh air cuid de theaghlaichean fois fhaighinn airson ùine ghoirid - bho bhith a' coimhead às dèidh cuideigin san teaghlach a tha suas ann am bliadhnaichean air neo ciorramach.

Gu bho chionn ghoirid bha trì leapannan-faochaidh eadar an dà dhachaigh chùraim ann an Uibhist, ach chaidh an àireamh sin a ghearradh gu aon.

Chaidh a thogail aig coinneimh mu chùram is slàinte ann an Uibhist nach deach fiosrachadh a thoirt do leithid dhotairean teaghlaich mun atharrachadh sin.

A rèir aon teaghlaich ann an Uibhist, a dh'aindeoin 's gun do chuir iad iarrtas a-steach as t-Samhradh airson leabaidh-faochaidh fhaighinn airson aon phàrant anns an Damhair, cha robh sin ri fhaighinn.

Chaidh fhaighneachd de phrìomh oifigear Bhòrd Slàinte is Cùraim nan Eilean Siar carson a chaidh na bh' ann de leapannan faochaidh a ghearradh, agus thathas a' feitheamh air freagairt.