An t-Oban
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh mu phlana 'son cidhe na rèile

20 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dragh air cuid a' ghnìomhachasan a tha stèidhichte air cidhe na rèile san Òban mu phlana siostam an trafaig atharrachadh.

Tha Calmac, leis a bheil an cidhe, airson gum bi aon slighe ann do charbadan a mhàin, seach na dhà mar a th' ann an-dràsta.

A rèir ChalMac tha an cidhe air fàs ro thrang agus tha an trafaig a-nis na chunnart.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.