Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Chuir na Dùthchannan Aonaichte 's a' Chrois Dhearg stad air a h-uile dad den obair thaic ann an Siria an dèidh na h-ionnsaigh air conbhoidh faisg air Aleppo. Tha aithrisean ann gun deach na h-uimhir de luchd-obrach sìobhalta a mharbhadh. Thuirt an UN, ma 's ann a dh'aona-ghnothach a chaidh ionnsaigh a thoirt air a' chonbhoidh, gur e eucoir cogaidh a th' ann. Thàinig an t-ionnsaigh goirid an dèidh do dh'arm Shiria leigeil fhaicinn, nam beachdsan, gu bheil an fhois fhòirneirt a chuir na Stàitean Aonaichte agus an Ruis air dòigh a-niste seachad.

Bomaire

Tha duine a tha fo amharas mu na h-ionnsaighean boma ann an New York agus New Jersey air an deireadh-sheachdain an grèim aig poilis. Tha Ahmed Kahn Rahami, Aimeireaganach a rugadh ann an Afganastan, fo chasaid gun do dh'fheuch e ri oifigearan poilis a mhurt ann an sgìre Linden ann an New Jersey.

An Eaconamaidh

Tha Rùnaire na h-Eaconamaidh, Keith Brown, ag iarraidh air Roinn an Ionmhais tuilleadh airgid-chalpa a chur ri brosnachadh na h-eaconamaidh an dèidh na bhòta airson falbh às an Aonadh Eòrpach. Tha esan ag ràdh gum bu chòir do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air a' char as lugha £100m de dh'airgead chalpa a ghealltainn mar a rinn Riaghaltas na h-Alba air a' mhìos a chaidh.

Aiseag Bharraigh

Thèid faighneachd do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn carson a tha uimhir de dh'atharrachaidhean air an t-seirbheis eadar an t-Òban agus Bàgh a' Chaisteil. Tha dragh air muinntir Bharraigh mu cho tric 's a tha uairean seòlaidh a' bhàt-aiseig, an Isle of Lewis, ag atharrachadh.

Iasgairean

Tha Ball nan Eilean Siar ann an Westminster ag iarraidh air an Riaghaltas cead a thoirt do sgiobairean iasgaich criutha fhastadh bho thaobh a-muigh na h-Eòrpa. Tha gearain ann am Barraigh nach fhaigh bàtaichean gu muir leis gu bheil na h-ùghdarrasan a' diùltadh cead-obrach do dh'iasgairean bho thaobh a-muigh an EU. Tha am Ball-Pàrlamaid, Aonghas Brianan MacNìll, ag ràdh nach eil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' tuigsinn an t-suidheachaidh.

OHT Hawk

Tha an soitheach OHT Hawk air a slighe timcheall cheann a tuath na h-Alba a Leòdhas far an tog i an clàr-ola Transocean Winner. Tha dùil rithe san Loch a Tuath an-diugh fhathast, 's tha an sgioba a tha os cionn na h-obrach ag ràdh gu bheil co-dhiù là gu leth de dheagh shìde a dhìth orra airson an clàr a thogail mus tèid a thoirt dhan Tuirc airson an chur às a chèile.

Cidhe an Òbain

Tha dragh anns an Òban mu phlana a bheireadh atharrachadh air an trafaig air cidhe na rèile. Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn ag ràdh gu bheil an cidhe air fàs ro thrang 's gu bheil an trafaig na cunnart. Bidh deuchainn fad mìos anns an Damhair far nach bi cead aig trafaig ach siubhal aon shlighe air a' chidhe. Ach tha dragh ann gum bi an cidhe dùinte fad uair de thìde air gach ceann den là nuair a tha carbadan a' tighinn far nan aiseagan.