Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bomaichean

Dhearbh an FBI gun do lorg iad grunnan bhomaichean anns an aon àite ann an Elizabeth, New Jersey. Spreadh aonan aca fhad 's a bha eòlaichean a' dèiligeadh ris. Tha oifigearan a' feuchainn ri dearbhadh a bheil ceangal aig an seo ri ionnsaighean ann an New York agus Minnesota thairis air an deireadh-sheachdain.

Corbyn

Thuirt Jeremy Corbyn - a tha an dòchas gun tèid a thaghadh a-rithist mar cheannard nan Làbarach Disathairne sa tighinn gu bheil am pàrtaidh ag iarraidh tuilleadh deamocrasaidh. Bha e ag ràdh ris a' BhBC gun iarradh e gum biodh buill phàrlamaid agus buill dhen phàrtaidh a' taghadh a' chaibineit dhùbhlanaich. Thuirt e cuideachd gum feuch e ri càirdeas a stèidheachadh às ùr le buill phàrlamaid. 'S e Owen Mac a' Ghobhainn a tha a' seasamh na aghaidh.

Clàr-ola

Tha dùil gun tòisich an obair gus an clàr-ola an Transocean Winner a thoirt air falbh à Leòdhas an t-seachdain seo. Tha an clàr air a bhith anns an Loch a Tuath bho chaidh a ghluasad bho thaobh siar an eilein, far an deach e air na creagan.

Rathad

Bidh coinneamh phoblach ann a-nochd airson bruidhinn air cho cunnartach 's a tha an rathad a tha a' ruith eadar na h-Innseagan ann an Inbhir Nis agus Crothaidh, air iomall Shiorrachd Inbhir Narainn. Tha comhairlean coimhearsnachd anns an sgìre ag ràdh gu bheil cus air am beatha a chall air an rathad sin mu thràth, agus gun tèid tuilleadh a mharbhadh mura tèid a dhèanamh nas sàbhailte. Tha dùil ri na poilis agus riochdairean na Comhairle aig a' choinneimh ann an Talla Chrothaidh.

Stòras Uibhist

Chomharraich Stòras Uibhist gu bheil deich bliadhna ann bho ghabh iad sealbh air an talamh aca às leth na coimhearsnachd. Bha cuirm aca oidhche Shathairne airson aire a thoirt dhan cheann-bliadhna. Tha an t-uachdaran coimhearsnachd ag ràdh gun deach luach na h-oighreachd ann an Uibhist a Deas, Beinn nam Fadhla agus Eirisgeigh, agus an àireamh obraichean san sgìre am meud san deich bliadhna mu dheireadh.