Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Trèana

Thuirt na seirbheisean èiginn gu bheil ceudan dhaoine fhathast glacte air trèana a chaidh far na rèile faisg air Watford. Bhuail an trèana ann am maoim-slèibhe air an loidhne - prìomh loidhne a' chosta an iar - an dèidh tuiltean a thug buaidh air diofar sgìrean de Shasainn anns a' mhadainn. Tha e coltach nach deach duine a ghoirteachadh. Dh'fhàg an droch shìde rathaidean agus taighean fo uisge, agus tha an dealan dheth ann an àiteachan.

Ben Needham

Thuirt màthair Ben Needham, an leanabh a chaidh a dhìth air eilean anns a' Ghrèig bho chionn 25 bliadhna, gun do dh'iarr poilis oirre i fhèin ullachadh airson droch naidheachd. Thuirt Kerry Needham gu bheil poilis à Breatainn a-niste den bheachd gun deach a mac a mharbhadh nuair a chaidh a phronnadh le tubaist fo diogair.

Caroline Glashan

Tha an carthannas Crimestoppers a' tabhann duais de £10,000 airson fiosrachadh mu mhurt na h-ìghne-sgoile Caroline Glashan. Chaidh corp na h-ìghne, a bha 14, fhaighinn ri taobh Abhainn Leamhna ann an Siorrachd Dhùn Bhreatann anns an Lùnastal ann an 1996. Thuirt Crimestoppers gun tèid an duais a thoirt seachad airson fiosrachadh leis an tèid cuideigin a chur an grèim agus a dhiteadh.

Basra

Thuirt Ministreachd an Dìon gu bheil iad fìor-dhuilich mu bhàs ghille Ioracaich a chaidh a bhàthadh ann an 2003. Chuir saighdearan Breatannach an gille, Ahmad Ali, a bha 15 bliadhna de dh'aois, ann an canàl ann am Basra mar pheanas airson a bhith a' goid. Chaidh na saighdearan a shaoradh ann an 2006 fo chasaid gun do rinn iad marbhadh. Ach tha aithisg ùr neo-eisimeileach a' togail cheistean mun dòigh san robh iad gan giùlain fhèin.

Bratislabha

Chan eil sgeul air an Rìoghachd Aonaichte an-diugh aig còmhraidhean ann am Bratislabha far a bheil a h-uile dùthaich eile san Aonadh Eòrpach a' deasbad buaidh na bhòta airson Breatainn a thoirt a-mach às an EU. Thuirt Ceann-Suidhe na Comhairle Eòrpaich, Dòmhnall Tusk, a tha os cionn na coinneimh, gum feum iad sùil chruaidh a thoirt air trioblaidean an EU.

An Tuirc

Chuir poilis anns an Tuirc ceathrar an grèim fo amharas gun robh iad am beachd ionnsaighean a thoirt air targaidean Breatannach agus Gearmailteach anns an Tuirc. Thuirt Oifis nan Dùthchannan Cèine gun do dhùin iad an ambasaid ann an Ankara air adhbharan tèarainteachd, agus tha ambasaid na Gearmailt anns a' phrìomh bhaile dùinte.

UKIP

Dh'fhàg tè a bha na h-àrd-chomhairliche do Nigel Farage UKIP airson nan Tòraidhean. Thuirt Alex Phillips gu bheil UKIP nam butarais, agus gu bheil na chunnaic i agus na chuala i bho Theresa May a' còrdadh rithe. Thèid ceannard ùr UKIP ainmeachadh feasgar an-diugh.

Iasgairean

Tha dragh ann gu bheil laghan in-imreachais a' cur gnìomhachas an iasgaich anns na h-Eileanan ann an cunnart. Tha bàtaichean iasgaich nan tàmh ann am Barraigh le cion iasgairean bho chaidh laghan atharrachadh o chionn ceithir bliadhna a tha a' cur casg air iasgairean bho thaobh a-muigh na Roinne Eòrpa.