Hawk air a' Ghàidhealtachd a ruighinn

  • 15 An t-Sultain 2016
An Hawk Image copyright OHT
Image caption An Hawk a' giùlain uidheim ola.

Ràinig an t-soitheach a bheir leatha an Transocean Winner à Leòdhas, Linne Chrombaigh.

Bha an soitheach-togail, Hawk, a' dèanamh air taobh sear Rois mus dèan i a slighe a Leòdhas airson an clàr-ola a thogail 's a thoirt dhan Tuirc.

Thàinig an Hawk tro Chaolas Shasainn air an deireadh-seachdain a' giùlain clàr-ola eile suas a' chosta an ear.

Image caption Bha dàil air an Hawk ri linn ceò aig beul Linne Chrombaigh, ach dh'fhalbh e tron là.

Tha dùil gum fàg i an luchd a th' aice aig Bàgh an Eige Diardaoin.

Thèid i an uair sin a Leòdhas far an tog i an Transocean Winner, a tha an-dràsta air acaire anns an Loch a Tuath.

Tha dùil rithe ann an sin toiseach na seachdain seo tighinn.

Thuirt eòlaichean gu bheil ceithir làithean de dheagh shìde a dhìth airson an ath-earrainn den iomairt.

Thèid tancaichean balaiste air bòrd an Hawk a lìonadh, a' cur meadhan an deic fon uisge.

Thèid an uair sin an clàr-ola a ghluasad os cionn an deic mus tèid na tancaichean balaiste fhalmhachadh a-rithist.

Èirichidh an Hawk an uair sin às an uisge leis an Transocean Winner air a muin, deiseil airson na slighe fada chun a' chinn-ùidhe san Tuirc far an tèid an clàr-ola a bhriseadh.