Faochadh 's briseadh dùil mu uardan comhairle

  • 15 An t-Sultain 2016
Traigh Ùig Image copyright Geograph/Gordon Hutton
Image caption Bha Coimisean Chrìochan nan Ùghdarrasan Ionadail a' moladh gun deadh uard sgìre Ùig agus nan Loch atharrachadh.

Dhiùlt Riaghaltas na h-Alba gabhail ri molaidhean Choimisean Chrìochan nan Ùghdarrasan Ionadail airson sgìrean Comhairle nan Eilean Siar atharrachadh.

Bha an comisean a' moladh aon uard sna h-eileanan a ghearradh agus mhol iad an àireamh chomhairlichean a lùghdachadh bho 31 gu 26 ro thaghadh nan ùghdarras ionadail an ath-bhliadhna.

Ach leis gum bi Bile ùr nan Eilean a' dèiligeadh ris a' chuspair cho-dhùin an Riaghaltas gun dad atharrachadh an-dràsta.

Dh'fhaodadh, ge-tà, atharrachaidhean a bhith ann an ceann ùine.

Tha an Comh. Dòmhnall "Cuidig" MacLeòid ag ràdh gur e faochadh a tha sin dhan uard aige fhèin, Sgìre Ùig agus Ceann a Tuath nan Loch, far an robh dùil ri atharrachadh.

Bha Coimisean nan Crìochan a' moladh dàrna leth na sgìre sin a chur còmhla ris an Taobh Siar agus Nis agus an leth eile a chur còmhla ris na Hearadh agus sgìre nan Loch.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e naidheachd mhath dha-rìribh a th' ann gu bheileas a' dol a dh'fhàgail an rud mar a tha e, gu deimhinne fhèin, oir cha robh e a' dol a dhèanamh cus ciall cho mòr 's a bhiodh an uard sin an uairsin," thuirt Mgr MacLeòid.

Gearraidhean

Chaidh na planaichean airson an àireamh chomhairlichean ann ann Earra-Ghàidheal agus Bòd a lùghdachadh bho 36 gu 33 a chur a dhara taobh cuideachd.

Cho-dhùin an Riaghaltas, ge-tà, gabhail ri molaidhean a' choimisein airson sgìre na Gàidhealtachd.

Thèid àireamh nan comhairlichean a ghearradh bho 80 gu 74 ann an sin agus thèid àireamh nan uardan a lùghdachadh bho 11 gu 10.

Thuirt Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd gun robh e na bhriseadh dùil dhi gun robh seo a' dol a thachairt.

A rèir Màiread NicDhàibhidh cha bhi e math dha deamocrasaidh agus bheir an t-atharrachadh buaidh air mar a tha coimhearsnachdan air an riochdachadh air feadh na sgìre.