Breithneachadh an aghaidh Chathraiche a' Choimisein

  • 14 An t-Sultain 2016
Talamh ionaltraidh ann an Colla Image copyright Rude Health/Geograph

Tha e air tighinn am follais gun do chaill Cathraiche Choimisein na Croitearachd cùis-lagha ann an Cùirt an Fhearainn.

Thug Cailean Ceannadach tagradh chun na Cùirte airson roinn de thalamh ionaltraidh Àirigh nan Gobhar air Eilean Cholla a cheannach.

Ach bhreithnich a' Chùirt na aghaidh.

Tha Mgr Ceannadach aig teis-meadhain na connspaid a tha a' cuairteachadh Coimisein na Croitearachd.

Thug Cailean Ceannadach seachad iomadh bliadhna mus robh e na Choimiseanair a' toirt a Choimisein gu Cùirt an Fhearainn a' sireadh choirichean ionaltraidh agus roinn de thalamh ionaltraidh - neo "apportionment" - dha fhèin.

Thug an Coimisean apportionment dha ann an 2014 ach ràinig a' chùis Cùirt an Fhearainn nuair a dhiùlt an t-uachdaran an apportionment a reic ris.

Bha Mgr Ceannadach ag argamaid, seach gun robh an apportionment air a chlàradh mar chroit fo Achd na Croitearachd 2010, gum faodadh e a cheannach.

Ach bhreithnich a' Chùirt, seach nach robh an apportionment faisg air a' chroit aige fhèin, nach robh e a' cunntadh mar chroit fon lagh.

Bha Mgr Ceannadach ga riochdachadh fhèin sa chùis, a' toirt seachad a thuigse fhèin air a' chùis a thaobh lagh na croitearachd.

Bho chionn beagan sheachdainean sgrìobh Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, gu Mgr Ceannadach ag ràdh nach robh susbainnt laghail sam bith anns na co-dhùnaidhean aige mar Chathraiche Choimisein na Croitearachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo