Barraich a' beachdachadh air seirbheis adhair a ruith

  • 13 An t-Sultain 2016
Port-adhair Bharraigh Image copyright Geograph Steve Houldsworth

Tha muinntir Bharraigh a' beachdachadh air seirbheis adhair eadar Barraigh agus Beinn nam Fadhla a ruith iad fhèin.

Tha Comhairle nan Eilean Siar an sàs an-dràsta ann an co-chomhairleachadh mu sheirbheisean còmhdhail eadar na h-eileanan, agus thuirt Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, ann an litir gu bheil iad air bruidhinn ri Còmhdhail na h-Alba mu ruith nan seirbhisean adhair a thoirt air ais dhan Riaghaltas.

Thuirt an Comhairliche Barrach, Dòmhnall Manford: "Tha e uabhasach tàmailteach nach eil a' Chomhairle air a bhith fosgailte, soilleir agus onarach mu dheidhinn an t-seirbheis seo a thoirt air ais."

Bha e cuideachd ag ràdh: "Chan e a-mhàin gu bheil sinn ann am Barraigh agus ann am Bhatarsaigh ag iarraidh air an Riaghaltas a dhèanamh dhuinn, tha sinn a' coimhead air ciamar as urrainn dhuinn fhìn a dhèanamh, ciamar as urrainn dhuinn a dhèanamh leis a' chumhachd ùr a th' ann an lagh airson neart a thoirt do choimhearsnachdan.

"'S ann a tha sinn ag iarraidh air an Riaghaltas ar cuideachadh airson a' chumhachd a ghabhail air ais bhon Chomhairle."

Bha Mgr Manford ag ràdh gum biodh an t-seirbheis air leth feumail do dh'euslaintich.