Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Coimisean nan Crìochan

Tha na Làbaraich a' gearain air an atharrachadh a tha Coimisean nan Crìochan a' moladh do roinnean Pàrlamaid ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh. Tha an Coimisean ag amas air àireamh nam Ball-Pàrlamaid a ghearradh bho 650 gu 600, agus àireamh luchd-bhòtaidh anns gach roinn a chothromachadh. Chuireadh na planaichean sin, a dh'fheumas aonta na Pàrlamaid fhathast, às do 25 roinnean Làbarach, agus roinn a' Cheannaird Làbaraich, Jeremy Corbyn, nam measg. Dheadh cur às cuideachd dhan roinn Phàrlamaid aig an t-seann Sheansalair Tòraidheach, Seòras Osborne.

Pauline Cafferkey

Tha èisteachd mì-ghiùlain a' tòiseachadh ann an Dùn Èideann an-diugh an aghaidh na nurs Albannaich Pauline Cafferkey, air an tàinig an galar Ebola ann an Sierra Leone. Tha ise fo amharas nach do leig i oirre gun robh i a' fulang nuair a thill i a Bhreatainn à Sierra Leone.

An Atmhorachd

Dh'fhuirich ìre na h-atmhorachd, a rèir chlàr an CPI, aig 0.6% anns an Lùnastal, ged a tha biadh agus cosgaisean connaidh agus siubhal nas daoire, bha rudan eile mar aodach nas saoire, agus prìs nas lugha ann an taighean-bìdhe agus taighean-òsta.

Cùirt an t-Seisein

Tha teaghlaichean a chaill càirdean ann an dà thachartas fa-leth ann an Glaschu a' dol gu Cùirt an t-Seisin an-diugh 's iad ag iarraidh casaidean a thogail gu prìobhaideach an aghaidh an aghaidh nan dràibhearan a bha an lùib nan cùisean sin. Bha Erin McQuade, agus a seanair agus a seanmhair, am measg na chaill am beatha ann an tachartas na làraidh-sgudail ann an Glaschu anns an Dùbhlachd ann an 2014. Chaidh Màiri Convey agus Laura Stiùbhart a mharbhadh ann an 2010 nuair a bhuail Range Rover annta. Thuirt Oifis a' Chrùin anns an dà chùis sin nach robh fianais gu leòr ann airson casaidean a thogail.

Col Uarach

Tha croitearan ann an Col Uarach ann an Leòdhas ag iarraidh air ministear na croitearachd, Fearghas Ewing, coimisean ùr a chur air chois. Thagh am baile comataidh ionaltraidh ùr ged a thuirt an Coimisean nach robh e ceadaichte dhaibh sin a dhèanamh agus an Coimisean fhèin air constabal a chur dhan bhaile an dèidh an t-seann chomataidh ionaltraidh a chur ma sgaoil. Tha a' chomataidh ùr ag iarraidh air a' Choimisean aithne a thoirt dhaibh a dh'aindeoin agus gu bheil an constabal am beachd coinneamh a chumail anns a' bhaile a-nochd.

Seirbheis Adhair Bharraigh

Tha muinntir Bharraigh a' beachdachadh air seirbheis adhair eadar Barraigh is Beinn nam Fadhla a ruith iad fhèin. Tha Comhairle nan Eilean Siar an sàs an-dràsta ann an co-chomhairle mu sheirbheisean còmhdhail eadar na h-eileanan. Thuirt Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, ann an litir gu bheil iad a' bruidhinn ri Còmhdhail na h-Alba mu a bhith a' ruith nan seirheisean adhair a thoirt air ais dhan Riaghaltas.