Iomairt smàlaidh thuathanasan

  • 13 An t-Sultain 2016
Luchd-smàlaidh

Tha luchd-smàlaidh ag iarraidh barrachd co-obrachaidh bho thuathanaich 's bho chroitearan 's an àireamh theintean ann an sgìrean dùthchail air a dhol an-àirde gu mòr.

Tha iad ag iarraidh air luchd-àiteachais fiosrachadh a thoirt dhaibh mu uidheamachd neo stuth sam bith a tha iad a' cumail air na tuathanasan neo air na croitean aca a bhiodh na chunnart nam biodh teine ann.

"An rud as motha a tha air a chùlaibh, 's e gu bheil, eadar 2010 is an-dràsta, an àireamh theinichean air croitean agus tuathanasan air èirigh gu mòr," thuirt Raibeart Dòmhnallach, a tha a' riochdachadh Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach (NFU) air Ghàidhealtachd.

"Agus 's ann a' feuchainn ri cuideachadh a dhèanamh dhan luchd-smàlaidh nuair a thèid iad a-mach dha na teinichean a tha sin, a th' air cùl ghnothaichean a tha a' tachairt aig an NFU an-dràsta.

"Ma chuireas tu air ais plana den tuathanas agad, de na togalaichean, agus far a bheil gach gnothach air a stòradh - can feur is fodair, agus an uair sin todhair - agus ma tha botail ghas agad 's dòcha airson tàthadh meadailte, no airson adhbhar sam bith.

"Agus an uair sin far a bheil an diesel agad air a chumail - na gnothaichean sin.

"Ma thig iad a-mach dhan tuathanas no dhan chroit agad, tha fhios aca far a bheil na gnothaichean sin, agus tha e pìos nas sàbhailte dhaibh fhèin ma tha fios aca far a bheil na gnothaichean sin.

"Anns a' ghnothach seo chanainn gur e biurocrasaidh a dh'fhaodadh a bhith uabhasach feumail, agus a dh'fhaodadh beatha a shàbhaladh ma tha fhios aig an luchd-smàlaidh dìreach far a bheil na gnothaichean sin," thuirt e.