"Coimisean ùr a dhìth"

  • 13 An t-Sultain 2016
Col Uarach Image copyright Donald Lawson/Geograph

Tha comataidh ionaltraidh ùr a chaidh a stèidheachadh ann an Col Uarach ann an Leòdhas air an deireadh-sheachdain ag iarraidh air an Riaghaltas Coimisean Croitearachd ùr a stèidheachadh.

Tha iad ag ràdh gu bheil an Coimisean - a chuir às dhan t-seann chomataidh ionaltraidh aca - air earbsa dhaoine a chall.

"Tha sinne a' faireachdainn gu bheil sinn an dèidh fiosrachadh fhaighinn gun robh iad an dèidh a dhol an aghaidh, chan e a-mhàin an lagh, ach an rud a bha iad fhèin air breithneachadh," thuirt clàrc na comataidh ùire, Coinneach Dòmhnallach.

"Tha clàr-srutha aca fhèin a tha a' sealltainn nach eil e ceart no cothromach constabal a chur a-steach mar a rinn iad.

Earbsa

"'S le sin, gu bheil e a' tighinn gu ceann a dhreuchd co-dhiù, 's nach eil càil feumail a' tighinn a-mach às an rannsachadh a tha e a' dèanamh, agus nach eil càil gu sònraichte anns an rannsachadh a bha a' toirt cead dhan Choimisean a' chomataidh a chur às dreuchd.

"Bha sinne a' faireachdainn nach robh adhbhar sam bith dhuinn fuireach na b' fhaide, agus gum biodh a' choinneamh againn airson comataidh ùr a chur na h-àite, agus fios againn nach biodh sin a rèir an lagha gus am biodh e air aithneachadh leis a' Choimisean.

"Tha sinn a' smaoineachadh gu bheil a' mhòr-chuid leinn ann a bhith ag iarraidh air a' chonstabal a-nise a dhreuchd a leigeil seachad, agus a' chomataidh ùr a stèidheachadh.

"Chan eil mise a' smaoineachadh gu bheil earbsa sam bith aig duine anns a' bhaile anns a' Choimisean, ach a-mhàin an fheadhainn a bha a' seasamh an aghaidh toil a' bhaile sa chiad àite.

"Cha bhiodh e glic dhuinne a bhith a' dol air adhart leis a' Choimisean mar a tha e.

"Tha sinne, tha mi a' smaoineachadh, gu bhith a' lorg gum bu chòir an Coimisean mar a the air a stèidheachadh an-dràsta a spadadh uile gu lèir, agus riaghaltas ùr air choireigin eile a chur na àite as urrainn cumhachd a chleachdadh le gliocas.

"Chan eil sinn air sin fhaicinn. Tha sinn air faicinn a' chumhachd air a chleachdadh, ach chan eil sinn air faicinn gliocas air a chùl.

"Saoilidh mise gur e riaghaltas na dùthcha a dh'fheumas a thighinn a-steach an seo, am ministear gu sònraichte, Fearghas Ewing, gum feum esan agus na tha a' toirt cuideachaidh dha a thighinn a-steach agus breithneachadh a dhèanamh.

"Tha e follaiseach 's furasta do dhuine sam bith fhaicinn gu bheil iad air mòran mhearachdan a dhèanamh, agus tha iad air a dhol an aghaidh comhairle laghail a fhuair iad fhèin, agus tha iad an dèidh a dhol an aghaidh - mar a leughas sinne e co-dhiù - an lagh.

"Le sin, chan eil aon rian às, ach gum feum an Riaghaltas cur às dhan a h-uile càil a rinn iad.

"Aig toiseach a' ghnothaich chan eil fhios agam dè bh' aig a' Choimisean anns an amharc.

"Oir bha fios aca gun robh an là seo a' tighinn, anns am feumadh an constabal falbh agus comataidh ùr a stèidheachadh, agus chan eil sinn càil nas fhaide air adhart. Ma tha sinn càil idir tha sinn nas fhaide air ais.

"Tha sinn an dèidh, mar bhaile, call ionmhas, agus tha iad an dèidh toirt oirnn chosgaisean nach robh e ceadaichte dhaibh iarraidh oirnn.

"Mar sin dheth, chan e a-mhàin am baile, ach croitearachd uile gu lèir, tha sinn grunn cheumannan air ais bho mar a bha sinn," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo