Tuath an aghaidh Deas aig an Àird

  • 15 An t-Sultain 2016
Camanachd an Òbain is Baile Ùr an t-Slèibh. Image copyright Iain Ferguson
Image caption Iain Hay is Seumas Mac a' Mhaoilein bho Chamanachd an Òbain, is Steafan Dòmhnallach is Iain Mac an Tòisich à Baile Ùr an t-Slèibh.

Tha tuath a' dol an aghaidh deas sa Ghearasdan Disathairne le Baile Ùr an t-Slèibh is Camanachd an Òbain gus farpais airson Chupa na Camanachd.

Tha 30 bliadhna ann bho choinnich na sgiobaidhean seo ri chèile sa chuairt dheireannaich, is Baile Ùr an t-Slèibh a' buannachadh 5-1 ann an Glaschu ann an 1986.

B' ann an 1933 mu dheireadh a rinn sgioba an Òbain a' chùis air a' Bhaile Ùr sa chuairt dheireannaich, is iad a' soirbheachadh 3-2 sa Cheapaich.

Tha fichead bliadhna ann bho bhuannaich iad an cupa fhèin, is iad air Ceann a' Ghiuthsaich a leagail far an spiris ann an 1996.

Là sònraichte a bha sin dhan Òban, is bidh iad air an dòigh a bhith air ais a' farpais 'son a' chupa às dèidh linne nuair a thuit iad air falbh bhon ìre as àirde den spòrs.

Tha iad air a bhith a' dèanamh adhartais mhath anns na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh, is tha iad a' dol a-steach dhan gheama seo san dàrna àite sa Phrìomh Lìog, deagh chomharra air an adhartas a tha sin.

Gu h-inntinneach, cha do chluich iad Baile Ùr an t-Slèibh fhathast am-bliadhna, is an dà gheama lìge eatorra rin tighinn às dèidh na cuairte deireannaiche.

Comasan

Tha an t-Òban, ge-tà, air na comasan a th' aca a shealltainn.

Chan eil iad air ach 15 tadhal a chall ann an 15 geama san lìog.

Aig ceann eile na pàirce, tha feadhainn aca a tha sgileil is luath is comasach air tadhail a chur.

Bidh leithid Anndra MhicChuthais, Daniel MacBhiocair is Daniel Camshron uile comasach air cron a dhèanamh air a' Bhaile Ùr.

Chaidh MacCuthais is Camshron a ghoirteachadh an aghaidh a' Ghearasdain Disathairne seo chaidh, ach bidh an dithis deiseil airson na cuairte deireannaiche.

Thèid Baile Ùr an t-Slèibh iad fhèin a-steach dhan gheama le misneachd gu leòr, oir cha do chaill iad ach aona gheama am-bliadhna, 2-1 ri Lòbhat ann an Cupa MhicAmhlaidh.

Fhuair iad dìoghaltas air Lòbhat Disathairne le pronnadh 5-0 a thoirt orra, ceum eile a dh'ionnsaigh an lìog a bhuannachadh a-rithist.

Tha a h-uile coltas gum bi an duais sin aca 'son na seachdamh bliadhna ann an sreath, is Cupa MhicThàmhais mar thà na suidhe air an sgeilp aig an Eilean.

Tha feadhainn nas òige air bristeadh a-steach dhan sgioba, is leis an dàrna sgioba a' soirbheachadh a-rithist, tha doimhneachd aca nach eil aig cluba eile san spòrs.

A dh'aindeoin sin air fad, tha ceist no dhà ann fhathast mun Bhaile Ùr a dh'fhaodadh dòchas a thoirt dhan Òban.

Bhuannaich am Baile Ùr Cupa MhicThàmhais leis an t-slaic mu dheireadh den gheama, dìogan às dèidh do Loch Abar cothrom a chall an aon rud a dhèanamh iad fhèin.

B' iad am Baile Ùr an sgioba a b' fheàrr an là sin, ach theab Loch Abar falbh leis a' chupa.

Strì

'S e strì a bh' aca cuideachd iar-chuairt dheireannach Chupa na Camanachd an aghaidh Chinn Loch Seile a bhuannachadh.

Bha grèim làidir aig Seile air a' gheama sin tràth, is bha e follaiseach gun robh iomagain am measg sgioba Bhàideanach.

Tha am Baile Ùr rim moladh gun d' fhuair iad dòigh air an geama sin a bhuannachadh 2-1.

Bha coltas car aosta air cuid de laoich a' Bhaile Ùir aig ammanan ge-tà, is dh'fhaodadh gu bheil loidhne aghaidh an Òbain nas comasaich air brath a ghabhail air sin na bha Ceann Loch Seile aig a' Bhucht.

Aois ann no às ge-tà, tha tàlant is eòlas gu leòr ann an sgioba Bhaile Ùir an t-Slèibh, is iad ag amas air an duais seo a thogail 'son an treas turais ann an sia bliadhnaichean.

Tha iad an dòchas an sgioba as làidire a bhith aca Disathairne, ged a tha ceist ann ro làimh mu Chrisdean Sellar.

Tòisichidh an geama aig an Àird aig 2f, le Camanachd an Eilein Sgitheanaich is Ceann a' Ghiuthsaich a' cluiche ann an cuairt dheireannach Chupa Choinnich Mhic a' Mhaighstir nas tràithe air an là aig 11m.

Là mòr sa Ghearasdan ma-tha, is cluinnear cuairt dheireannach Chupa na Camanachd beò air BBC Radio nan Gàidheal bho 1.30f.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile