Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Tha na buidhnean reubaltach ann an Siria teagmhach mun fhois-fhòirneart, a' chuir an Ruis agus na Stàitean Aonaichte air dòigh. Bu chòir dha sin tòiseachadh aig dol fodha na grèine an nochd ach cha tuirt na reubaltaich an gabh iad pairt ann. Lean na h-ionnsaighean bho phlèanaichean cogaidh Ruiseanach agus Sirianach air bailtean Aleppo agus Idlib an dè agus an raoir.

Fògarraich

Tha ceannardan creideamh agus buidhnean cathranas ag iarraidh air Oifis na Dùthcha a bhi nas coibhneile do theaghlaichean a tha dealaichte an deidh dhaibh teicheadh bhon chogadh ann an Siria. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh cuideachd gum bu chòir dha a bhi nas fhasa do theaghlaichean tighinn a Bhreatainn comhla ri càirdean a fhuair comraich anns an dùthaich seo.

Clinton

Thuirt dotair Hillary Clinton gu bheil i a fulaing leis a ghreim. Theab an tagraiche Deamocratach a dhol ann an laigse aig seirbhis a' cuimhneachadh air na chaill am beatha ann an 9/11. Chaidh iarraidh orra fois a ghabhail agus tha I air pàirt de na tachartasan a bha I a' cur roimhpe ann an iomairt taghaidh a chinn-suidhe a chur dheth.

Creideamh

Tha Comunn Daonairean na h-Alba ag iarraidh ath-sgrùdadh laghail air poileasaidh Riaghaltas na h-Alba a tha a' ciallachadh nach fhaod òigridh seirbhisean creideamh a sheachnadh anns an sgoil. Chan fhaod iad sin a dhèanamh an dràsda ach le cead am pàrantan.

Coll Uarach

Thagh baile Chuil Uaraich ann an Leòdhas comataidh ionaltraidh ùr, còig mìosan an deidh do Choimisean na Croitearachd an t-seann chomataidh a chuir ma sgaoil, agus a dh' aindeoin 's gun deach constabal a chuir os cionn a bhaile. Tha mor-chuid de chroitearan a bhaile cuideachd ag iarraidh cuidhteas a chonstabal sin. Tha an constabal fhèin a'cumail coinneamh an ath-oidhche.

Port Rìgh

Thèid a chiad cheap a ghearradh an diugh air làrach Bun-sgoil Ghàidhlig ùr ann am Port Rìgh. Tha cosgais an togalaich air èirigh gu còrr's deich millean not, millean gu leth not a bharrachd air na bha duil. Tha am proiseact connspaideach agus fiùs Comhairle Choimhearsnachd Phort Rìgh air a bhith a' ceasnachadh a bheil feum air sgoil ùr sa bhaile.

TUC

Bi rabhadh aig Àrd-Rùnaire Caidreachas nan Àonaidhean Ciùird an diugh nach bi àite aig gniomhachas anns an tè id iad am falach ma tha iad dona do luchd obrach. Innsidh Frances O'Grady do cho-labhairt an TUC ann am Brighton gu bheil mòran chompanaidhean a' gabhail brath air luchd obrach le cùmhnantan nach eil a' gealltainn uairean-obrach neo an tuarasdal 's lugha fon lagh.