Esslemont a' fàgail BBC ALBA

  • 9 An t-Sultain 2016
Ailean Esslemont

Chaidh dearbhadh gu bheil Ceannard Phrògraman BBC ALBA, Ailean Esslemont, a' fàgail a dhreuchd.

Tha Mgr Esslemont a' dol gu obair ùr mar cheannard TG4 ann an Èirinn.

Thàinig Ailean Esslemont, a bhuineas do Bhràigh Mhàrr bho thùs, à TG4 'son cuideachadh le BBC ALBA a chur air bhòg.

Chaidh an seanail air an èadhair ann an 2008.

Tha fàs air tighinn air BBC ALBA bhon uairsin, ged a tha cuid air draghan a thogail mu ath-chraolaidhean, is cus Bheurla.

Thuirt Àrd-Oifigear MG ALBA, Dòmhnall Caimbeul, gun robh Mgr Esslemont air sàr-obair a dhèanamh, is gur e an ro-innleachd aige a tha air cùlaibh soirbheachas BBC ALBA.

Thuirt Ceannard BBC Scotland, Coinneach MacGuaire, gun robh Ailean Esslemont air a bhith na fhear taic làidir dha craoladh Gàidhlig, is gun robh pàirt deatamach aige ann a bhith a' cruthachadh dhàimhean eadar BBC Scotland agus MG ALBA.

Thuirt e gu bheil e a' guidhe gach soirbheachas dha Mgr Esslemont na dhreuchd ùir.

Thuirt TG4 gu bheil iad air an dòigh gu bheil Mgr Esslemont a' tilleadh thuca.