Gearasdan Deòrsa
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Ullachadh 'son Tatù na Gàidhealtachd

8 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bidh sgalan na pìoba agus ceòl gu leòr eile ri chluinntinn aig Gearasdan Deòrsa thar deireadh na seachdain, agus Tatù na Gàidhealtachd a' tòiseachadh oidhche Haoine.

Eadar taisbeanaidhean ciùil de bhlàran Jutland agus an Somme, agus itealan bho Fheachd Rìoghail an Adhair bidh pailteas ri fhaicinn.

Bha mòran de na còmhlain pioba ag ullachadh Diardaoin aig an làraich agus chaidh Coinneach Mac a' Ghobhainn a choimhead orra.