'Aona bhàta-slaodaidh gu leòr' - MCA

  • 8 An t-Sultain 2016
Herakles Image copyright MCA

Thuirt Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich (MCA) nach eil feum air dà bhàta-slaodaidh èiginn far chostaichean na h-Alba.

Chaidh am bàta a bha a' frithealadh air a' chosta an iar a tharraing ann an 2012 mar phàirt de ghearraidhean an Riaghaltais.

Dh'fhàg sin aona bhàta-slaodaidh èiginn ann an Alba, is e stèidhichte ann an Arcaibh.

Tha dleastanas air a' bhàta airson a' chosta an iar cuideachd.

Chaidh athchuinge a bha ag iarraidh gun rachadh bàta-slaodaidh èiginn a stèidheachadh às ùr air a' chosta an iar a thoirt seachad aig Westminster Dimàirt.

Chuir còrr is 1,500 duine an ainmean ris, ach tha iad air bristeadh-dùil fhaighinn bhon MCA.

Neo-eisimileach

Thuirt a' bhuidheann gun do rinn iad co-chomhairle na bu tràithe am-bliadhna, is gun do dh'iarr iad aithisg neo-eisimileach air cho riatanach 's a tha bàtaichean-slaodadh èiginn air costa a tuath is costa an iar-thuath na h-Alba.

Thuirt iad gun robh deasbad airson dàrna bàta na phàirt de na còmhraidhean a bh' ann.

Dh'innis iad gun robh na còig bliadhnaichean mu dheireadh air sealltainn gun dèan aona bhàta a' chùis.

Thuirt iad mar sin nach eil adhbhar ann airgead luchd-pàighidh na cìse a chleachadh air bàta-slaodaidh eile.

Dh'innis a' bhuidheann gu bheil iad a' cumail sùil gheur air cùisean is gum beachdaich iad air a' bhàta a ghluasad timcheall na sgìre nuair a tha feum air.

Dhearbh an MCA cuideachd gu bheil coltas ann gum bi dleastanas ùr sa chùmhant gun tig am bàta-slaodaidh a' tadhal air na diofar phàirtean den sgìre air fad aice, le sùil gu sònraichte air mar a tha an t-sìde, is feumalachdan bhàtaichean san sgìre.