OHT Hawk gus an clàr-ola a ghluasad

  • 6 An t-Sultain 2016
OHT Hawk Image copyright OHT
Image caption OHT Hawk

Thèid bàta sònraichte à Nirribhigh a chleachdadh airson an Transocean Winner a ghiùlain dhan Tuirc far an tèid a thoirt às a chèile.

Chuir Transocean, leis a bheil an clàr, ainm ri cùmhnant leis a' chompanaidh Offshore Heavy Transport (OHT).

Thig an OHT Hawk a Leòdhas aig deireadh na mìos.

Bheir i an clàr ola bhon Loch a Tuath, far a bheil i an-dràsta, dhan Mhuir Mheadhan-Thìrich.

Bha an Transocean Winner ga thoirt bho Nirribhidh dhan Tuirc aig toiseach an Lùnastail nuair a bhrist an loidhne ris a' bhàta-slaodaidh.

Image copyright OHT
Image caption OHT Hawk

Às dèidh cola-deug air na sgeirean aig Dail Mòr, chaidh an clàr a ghluasad dhan Loch a Tuath.

Bha cuid air iarraidh gun rachadh an clàr a bhristeadh às a chèile faisg air làimh.

Ged a bhathas a' faireachdainn nach biodh Àranais freagarrach, thathas a' tuigsinn gun robhas a' coimhead ri Ciseorn, Bàgh an Eige no Harland and Wolff ann am Béal Feirste.

Chaidh dearbhadh an t-seachdain seo chaidh gun tèid an clàr dhan Tuirc, far a bheil an t-uabhas de chlàran-ola gam bristeadh às a chèile.

Thuirt riochdaire an Riaghaltais san iomairt, Uisdean Seathach, gur dòcha gum bi dùbhlain theicnigeach ann, ach gu bheil e den bheachd gur e an clàr a chur air soitheach mhòr dhan Tuirc am fuasgladh as sàbhailte a th' ann.

Tha ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, air iarraidh gun tèid Gàradh Àranais a leasachadh airson clàran-ola a bhristeadh às a chèile san àm ri teachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile