Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba deònach co-bhanntachd a dhèanamh le ministearan ann an Westminster a tha airson àite Bhreatainn anns a' mhargaidh shingilte Eòrpaich a ghlèidheadh. Thuirt Nicola Sturgeon gu bheil i deiseil airson obair còmhla ri feadhainn eile a tha den bheachd gum biodh e dona dhan eaconamaidh an t-Aonadh Eòrpach fhàgail.

In-imreachd

Chuir am Prìomhaire teagamh ann an siostam phuingean airson smachd a chur air in-imreachd. Bha mòran de na dh'iarr Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach a' gealltainn sin, ach thuirt Theresa May, a tha ann an Sìona aig àrd-choinneimh dhùthchannan an G20, nach eil aon fhreagairt shìmplidh ann idir airson dèiligeadh ri in-imreachas.

Paige Doherty

Dh'aidich duine anns an Àrd-Chùirt ann an Glaschu gur e a mhurt nighean sgoile, Paige Doherty à Bruach Chluaidh, anns a' Mhàrt am-bliadhna. Chaidh corp Paige, a bha 15, fhaighinn faisg air Great Western Road ann an Glaschu air 21mh là den Mhàrt. Thèid binn a chur aig àm eile air John Leathem a tha 32 bhliadhna de dh'aois.

Calais

Tha tuathanaich, dràibhearan-làraidh agus marsantaich a' togail fianais aig Port Chalais anns an Fhraing agus iad ag iarraidh campa nam fògarrach, an Jungle, a dhùnadh. Tha ceudan dhaoine, Mèar Chalais nam measg, ag ràdh gu bheil uimhir de bhochdainn, cruadal agus eucoir anns a' champa agus gum feumar a dhùnadh.

Sochairean

Tha Pàrlamaid na h-Alba a' gabhail tuilleadh cumhachd air sochairean bho Westminster an-diugh. Tha cead aig Holyrood sochairean ùra a chruthachadh agus cur ri sochairean a tha rim faighinn air feadh Bhreatainn air fad, leithid Creideas Coitcheann.

Àranais

Thuirt Ceannard Chomhairle nan Eilean Siar gum feumar gàradh Àranais ullachadh airson a bhith a' briseadh chlàran-ola. Thuirt Aonghas Caimbeul nach robh an cead a tha a dhìth aig a' ghàradh airson dèiligeadh ris a' chlàr-ola Transocean Winner ach gum feumar ullachadh airson an t-seòrsa obrach sin le crìonadh ann an gnìomhachas gas agus ola a' Chuain a Tuath.

Croitearachd

Tha coltas ann gum bi dithis choimiseanairean croitearachd anns na h-Eileanan an Iar bhon ath-bhliadhna, le riochdaire do dh'Uibhist 's Barraigh agus neach eile do Leòdhas agus na Hearadh. 'S e aon choimiseanair a tha aig na h-Eileanan an Iar air fad an-dràsta ach chaidh moladh ann an co-chomhairle a rinn Coimisean na Croitearachd gum bu chòir crìochan ùra a stèidheachadh airson taghaidhean a' Choimisein anns a' Mhàrt an ath-bhliadhna.