Iarrtas gus Àranais a leasachadh

  • 5 An t-Sultain 2016
Gàrradh Àranais

Dh'iarr ceannard Comhairle nan Eilean Siar gun tèid Gàradh Àranais a leasachadh airson clàran-ola a bhristeadh às a chèile.

Tha Aonghas Caimbeul ag ràdh gum faodadh cothroman mòra a bhith ann dhan ghàrradh.

Thàinig e am follais an t-seachdain seo chaidh gun tèid an clàr-ola, an Transocean Winner, a chur dhan Tuirc, far an tèid a bhristeadh às a chèile.

Bha cuid air iarraidh gun rachadh an obair a dhèanamh ann an Alba.

Bha beachd gum faodadh an clàr a bhith air a bhristeadh ann an Àranais fhèin, ann an Ciseorn no ann am Bàgh an Eige.

An Tuirc

Air a' cheann thall, chaidh co-dhùnadh an clàr a chur air soitheach mhòr, is a sheòladh dhan Tuirc.

Thuirt Aonghas Caimbeul, nach robh e comasach an clàr a bhristeadh ann an Gàrradh Àranais, leis gun toireadh e mìosan na ceadan is eile a bhiodh a dhìth fhaighinn.

Thuirt e gum bi obair den t-seòrsa seo ann anns na bliadhnaichean ri tighinn.

Mì-chinnt mu phrìs na h-ola ann no às, thuirt e, bidh gu leòr de sheann chlàran-ola ann a dh'fheumas a bhristeadh.

Dh'iarr e gun obraich na h-ùghdarrasan còmhla gus Àranais a dheasachadh.

Thuirt e gum bu chòir airgead a chosg air a' ghàradh an-dràsta, gus am bi cothrom ann cùmhnantan fhaighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo